Tobit 13
13
CAIB. XIII.
1An sin sgrìobh Tobit ùrnuigh gàirdeachais agus thubhairt e, Gu mo beannaichte Dia a ta beò gu sìorruidh, agus gu mo beannaichte a rìoghachd.
2Oir tha e aʼ sgiùrsadh, agus tha tròcair aige; tha e aʼ treòrachadh sìos gu h‑ifrinn, agus aʼ toirt a nìos a rìs: ni mò am bheil neach ann dʼ an comas a làmh a sheachnadh.
3Aidichibh e an làthair nan Cinneach, sibhse a chlann Israeil; oir sgap e sinne ʼnam measg.
4An sin cuiribh a mhòrachd‑san an céill, agus àrdaichibh e roimh nan uile bheò: oir is esan ar Tighearna, agus is e Dia ar n‑Athair gu sìorruidh.
5Agus sgiùrsaidh e sinn air son ar n‑aingidheachdan, agus nì e tròcair a rìs, agus cruinnichidh e sinn a mach as gach cinneach, am measg an do sgap e sinn.
6Ma thionndaidheas sibh ris le ʼr n‑uile chridhe, agus le ʼr n‑uile inntinn, agus ma nì sibh gu ceart ʼna làthair, an sin tionndaidhidh e ruibh‑se, agus cha ʼn fholluich e a ghnùis uaibh. Uime sin faicibh ciod a nì e dʼ ur taobh, agus àidichibh e le ʼr n‑uile bheul, agus molaibh Tighearna aʼ chumhachd, agus àrdaichibh an Rìgh sìorruidh. Ann an tìr mo bhràighdeanais tha mi ʼga mholadh, agus aʼ cur an céill a chumhachd agus a mhòrachd do chinneach peacach. O sibhse pheacacha, tionndaidhibh agus deanaibh ceartas ʼna fhianuis: cò dʼ an urrainn innseadh gu ʼn gabh e ribh, agus gu ʼn dean e tròcair oirbh?
7Ardaichidh mi mo Dhia, agus molaidh mʼ anam Rìgh nèimhe, agus nì e gàirdeachas ʼna mhòrachd.
8Labhradh na h‑uile dhaoine, agus moladh na h‑uile e air son na fìreantachd aige.
9O Ierusaleim, a bhaile naoimh, sgiùrsaidh e thu air son oibre do chloinne, agus nì e tròcair a rìs air macaibh ʼnam fìrean.
10Molaibh an Tighearna, oir tha e maith: agus thugaibh cliù do ʼn Rìgh shìorruidh, chum gu ʼm bi a phàilliun air a thogail annaibh a rìs le h‑aoibhneas, agus deanadh e aoibhneach annad‑sa an sin iadsan a ta ʼnam bràighdibh, agus gràdhaicheadh e gu sìorruidh annad‑sa, iadsan a ta truagh.
11Thig mòran chinneach am fad as chum ainme an Tighearna Dé le tiodhlacaibh ʼnan làmhaibh, eadhon tiodhlacaibh do Rìgh fhlaitheanais: molaidh na gineileacha gu léir thu le mòr aoibhneas.
12Is mallaichte iadsan uile aig am bheil fuath dhuit, agus is beannaichte a bhios iadsan uile a ghràdhaicheas thu gu sìorruidh.
13Deanaibh gàirdeachas agus bithibh subhach air son chloinne nam fìrean: oir cruinnichear rʼ a chéile iad, agus beannaichidh iad Tighearna nam fìrean.
14O is beannaichte iadsan aig am bheil gràdh dhuit, oir nì iad gàirdeachas ʼnad shuaimhneas: is beannaichte iadsan a bha ri bròn air son do bhuillean gu léir; oir nì iad gàirdeachas air do shon, an uair a chìth iad tʼ uile ghlòir, agus bithidh iad aoibhneach gu bràth.
15Beannaicheadh mʼ anam Dia an Rìgh mòr.
16Oir togar suas Ierusalem le saphiribh agus emeraildibh, agus cloich luachmhoir: do bhallacha, agus do thùran, agus do dhaingnichean, le h‑òr fìor‑ghlan.
17Bithidh sràidean Ierusaleim air an leagadh le beril, agus carbuncul, agus clocha Ophir.
18Agus glaodhaidh a sràidean uile, Alleluia; agus molaidh iad e ag ràdh, Gu mo beannaichte Dia, a dhʼ àrdaich e gu bràth.
Currently Selected:
Tobit 13: MacGAP
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017