Iudit 1
1
CAIB. I.
1Anns an dara bliadhna deug do rìoghachadh Nabuchodonosoir, a rìoghaich ann an Ninebhe, am baile mòr; ann an làithibh Arphacsaid, a rìoghaich thar nam Médach ann an Ecbatane,
2Agus a thog ann an Ecbatane ballachan ceithir thimchioll#1.2 ceithir thimchioll ‑ timchioll gu lèir ‑ right round, all around do chlachaibh air an snaitheadh trì làmhan‑choille ann an leud, agus sèa làmhan‑choille a ʼm fad; agus rinn e àirde aʼ bhallaidh trì fichead agus deich làmh‑choille, agus a leud dà fhichead agus deich làmh‑choille:
3Agus shuidhich e a thùran air na geataibh aige, ceud làmh‑choille air àirde, agus an leud aig an stéidh trì fichead làmh‑choille:
4Agus rinn e a gheata, eadhon geatan a thogadh gu àirde thrì fichead agus deich làmh‑choille, agus bha iad dà fhichead làmh‑choille ann an leud, a leigeadh nam feachd cumhachdach aige a mach, agus a chur a choisridh ann an òrdugh;
5Eadhon anns na làithibh sin rinn rìgh Nabuchodonosor cogadh ri Arphacsad anns aʼ chòmhnard mhòir, eadhon an còmhnard ann an crìochaibh Ragau.
6Agus thàinig iadsan uile da ionnsuidh a bha chòmhnuidh ann an dùthaich nam beann, agus iadsan uile a bha chòmhnuidh ri taobh Euphrateis, agus Thìgris, agus Hidaspe, agus còmhnaird Arioch rìgh nan Elimiach, agus chruinnich ro mhòran chinneach do mhacaibh Cheloid chum aʼ chatha.
7An sin chuir Nabuchodonosor rìgh nan Assiriach fios dʼ an ionnsuidh‑san uile a bha chòmhnuidh ann am Persia, agus dʼ an ionnsuidh‑san uile a bha chòmhnuidh a ʼn taobh an iar, agus dʼ an ionnsuidh‑san a bha chòmhnuidh ann an Celicia, agus Damascus, agus Libanus, agus Antilibanus, agus dʼ an ionnsuidh‑san uile a bha chòmhnuidh an cois na fairge,
8Agus dʼ an ionnsuidh‑san am measg nan cinneach a bhuineadh do Charmel, agus do Ghalaad, agus do Ghalilee a ʼs àirde, agus do chòmhnard mhòir Esdreloim,
9Agus dhoibh‑san uile a bha ann an Samaria, agus ʼna bhailtibh, agus air an taobh thall do Iordan gu Ierusalem, agus Betane, agus Chellus, agus Cades, agus abhainn na h‑Eiphit, agus Taphnes, agus Ramesse, agus uile thìr Gheseim,
10Gus an tig sibh air an taobh thall do Thanis, agus Mhemphis, agus dhʼ ionnsuidh uile luchd‑àiteachidh na h‑Eiphit, gus an ruig sibh air crìochaibh Etiopia.
11Ach chuir uile luchd‑àiteachidh na tìre ann an suarachas àithne Nabuchodonosoir rìgh nan Assiriach, ni mò an deachaidh iad maille ris do ʼn chath; oir cha robh eagal orra roimhe: seadh, bha e ʼnam beachd mar aon duine, agus chuir iad a theachdairean air falbh uatha gun éifeachd, agus le masladh.
12Uime sin, bha Nabuchodonosor ann am mòr fheirge ris an dùthaich so air fad, agus mhionnaich e air a rìgh‑chaithir agus air a rìoghachd, gu ʼn deanadh e gu cinnteach dìoghaltas air uile chrìochaibh Chilicia, agus Dhamascuis, agus Shiria, agus gu ʼn cuireadh e gu dìth leis aʼ chlaidheamh uile luchd‑àiteachidh thìre Mhoaib, agus clann Ammoin, agus Iudea uile, agus na h‑uile a bha ʼsan Eiphit, gus an tig sibh gu crìochaibh an dà fhairge.
13An sin chaidh e a mach ann an òrdugh catha le ʼchumhachd fein an aghaidh rìgh Arphacsaid, anns an t‑seachdamh bliadhna deug, agus thug e buaidh anns aʼ chath: oir thilg e bun os ceann uile chumhachd Arphaesaid, agus a mhàrc‑shluagh gu léir, agus a charbadan uile,
14Agus thàinig e gu bhi ʼna thighearn air na bailtibh aige, agus thàinig e gu Ecbatane, agus ghlac e a thùran, agus mhill e a shràidean, agus thionndaidh e a mhaise gu nàire.
15Ghac e mar an ceudna Arphacsad ann am beanntaibh Ragan, agus bhuail e le gathaibh e, agus mhill e gu tur e air an là sin.
16Uime sin phill e an déigh sin do Ninebhe, araon e fein agus a chuideachd uile á iomadh cinneach, a bha ʼnan àireamh mhòir do luchd‑cogaidh, agus an sin, ghabh e ʼfhois, agus rinn e cuirmean, e fein agus ʼarmailt, rè shèa fichead là.
Currently Selected:
Iudit 1: MacGAP
Highlight
Share
Compare
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017