Tobit 12
12
CAIB. XII.
1An sin ghairm Tobit air a mhac Tobias, agus thubhairt e ris, A mhic, feuch gu ʼm faigh an duine a chaidh maille riut a thuarasdal, agus feumaidh tu tuille a thoirt dha.
2Agus thubhairt Tobias ris, O athair, cha ʼn ʼeil e chum cron dòmhsa dara‑leth nan nithe sin a thoirt da a thug mi maille rium:
3Oir thug e air ais mi a rìs gu tèaruinte ʼnadʼ ionnsuidh, agus shlànaich e mo bhean, agus thug e am ionnsuidh an t‑airgiod, agus leigheas e thusa mar an ceudna.
4An sin thubhairt an seann duine, Tha e dligheach dha.
5Uime sin ghairm e air an aingeal, agus thubhairt e ris, Gabh dara‑leth nan uile nithe a thug thu leat, agus rach air falbh gu tèaruinte.
6An sin thug e le chéile air leth iad, agus thubhairt e riù, Beannaichibh Dia, molaibh e, agus thugaibh urram da, agus molaibh e air son nan nithe a rinn e dhuibh ann an sealladh nan uile a ta beò. Tha e maith Dia a mholadh, agus ainm‑san àrdachadh, agus gnìomharan an Tighearna fhoillseachadh gu h‑urramach; air an aobhar sin na dìobairibh ann a bhi ʼga mholadh.
7Tha e maith rùn‑dìomhair rìgh a chealachadh, ach tha e urramach oibre Dhé fhoillseachadh: deanaibh an nì a ta maith, agus cha tig olc sam bith ʼnar caraibh.
8Tha ùrnuigh maith maille ri trasgadh, agus déirce, agus fìreantachd: tha beagan le fìreantachd ni ʼs fearr na mòran le neo‑fhìreantachd: is fearr déirce a thabhairt na ʼn t‑òr a thasgadh suas:
9Oir saoraidh déirce o ʼn bhàs, agus glanaidh e gach peacadh air falbh. Lìonar le beatha an dream a chleachdas déirce agus fìreantachd:
10Ach tha iadsan a pheacaicheas ʼnan nàimhdibh dʼ am beatha fein.
11Gu cinnteach cha cheil mi nì sam bith uait‑sa. Oir thubhairt mi gu ʼn robh e maith rùn‑dìomhair rìgh a chealachadh, ach gun robh e urramach oibre Dhé fhoillseachadh.
12A nis uime sin, an uair a rinn thu ùrnuigh, agus Sara do nighean‑chéile, thug mi cuimhneachan air bhur n‑ùrnuighibh an làthair an Tì Naoimh: agus an uair a dhʼ adhlaic thu na mairbh, bha mi mar an ceudna maille riut.
13Agus an uair nach dʼ rinn thu dàil a dhʼ éiridh suas, agus a dhʼ fhàgail do dhìneir, a dhol chum nam marbh a chòmhdachadh, cha robh do dheagh ghnìomh folluichte uam‑sa: ach bha mi maille riut.
14Agus a nis chuir Dia mi chum thusa agus Sara do nighean‑chéile a leigheas.
15Is mise Raphael, aon do na seachd aingle naomha, a ta tairgseadh ùrnuighean nan naomh, agus a ta dol a stigh agus a mach an làthair glòire an Tì Naoimh.
16An sin bha iad le chéile fo thrioblaid, agus thuit iad air an aghaidhibh: oir bha iad fo eagal.
17Agus thubhairt e riutha, Na biodh eagal oirbh; oir soirbhichear leibh; uime sin molaibh Dia.
18Oir thàinig mise cha ʼn ann a thaobh deagh‑ghean sam bith dʼ am thaobh fein, ach le toil ar Dia‑ne: air an aobhar sin molaibh e gu sìorruidh.
19Rè nan làithean ud uile nochd mi mi fein dhuibhse; ach cha dʼ ith agus cha dʼ òl mi, ach chunnaic sibh sealladh.
20A nis ma ta thugaibh buidheachas do Dhia; oir tha mi dol suas dʼ a ionnsuidh‑san a chuir mi: ach sgrìobh sìos ann an leabhar na h‑uile nithe a ta air an deanamh.
21Agus an uair a dhʼ éirich iad, cha ʼn fhac iad e ni ʼs mò.
22An sin dhʼ aidich iad oibre mòrʼ agus mìorbhuileach Dhé, agus mar a nochdadh dhoibh aingeal an Tighearna.
Currently Selected:
Tobit 12: MacGAP
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017