Tobit 11
11
CAIB. XI.
1An déigh nan nithe sin ghabh Tobias an t‑slighe, aʼ toirt molaidh do Dhia gun tug e dha turas thaitneach, agus bheannaich e Raguel agus Edna a bhean, agus chaidh e roimhe gus an do dhlùthaich iad ri Ninebhe.
2Agus thubhairt Raphael ri Tobias, Tha fios agad, a bhràthair, cia mar a dhʼ fhàg thu tʼ athair.
3Deanamaid cabhag air thoiseach air do mhnaoi, agus ullaichmaid an tigh:
4Agus thoir leat ʼnad làimh dòmblas an éisg. Mar sin, ghabh iad rompa, agus chaidh an cù ʼnan déigh.
5A nis shuidh Anna aʼ sealltuinn a mach a réir na slighe air son a mic.
6Agus an uair a chunnaic i e aʼ tighinn, thubhairt i rʼ a athair, Feuch, tha do mhac aʼ teachd, agus an duine a chaidh maille ris.
7An sin thubhairt Raphael, Tha fios agam, a Thobiais, gu ʼm fosgail tʼ athair a shùilean.
8Uime sin ung thusa a shùilean leis an dòmblas; agus, air da a bhi air a bhioradh leis, suathaidh e iad, agus tuitidh aʼ ghile air falbh, agus chìth e thu.
9An sin ruith Anna a mach, agus thuit i air muineal a mic, agus thubhairt i ris, Do bhrìgh gu ʼm faca mi thu, a mhic, tha mi o so a mach toilichte am bàs fhaotuinn. Agus ghuil iad le chéile.
10Chaidh Tobit mar an ceudna a mach chum an doruis, agus thuislich e: ach ruith a mhac dʼ a ionnsuidh,
11Agus ghabh e gréim air athair: agus shuath e an dòmblas air sùilibh athar fein, ag ràdh, Biodh deagh dhòchas agad, athair.
12Agus an uair a thòisich a shùilean a bhi air am bioradh, shuath se iad;
13Agus rùisgeadh air falbh aʼ ghile o oisnibh nan sùl aige: agus an uair a chunnaic e a mhac fein, thuit e air a mhuineal.
14Agus ghuil e, agus thubhairt e, Is beannaichte thusa, O Dhé, agus is beannaichte tʼ ainm gu sìorruidh; agus is beannaichte tʼ aingle naomhʼ uile:
15Oir sgiùrs thu mi, agus ghabh thu truas rium: Oir, feuch, tha mi faicinn mo mhic Tobiais. Agus chaidh a mhac le gàirdeachas a steach, agus chuir e an céill dʼ a athair na nithe mòra a thachair da ann am Media.
16An sin chaidh Tobit a mach a chòmhlachadh a nighinn‑chéile aig geata Ninebhe, aʼ deanamh gàirdeachais agus aʼ moladh Dhé: agus ghabh iadsan iongantas a chunnaic e aʼ dol a mach, do bhrìgh gu ʼn dʼ fhuair e a shealladh.
17Ach thug Tobit buidheachas ʼnan làthair, do bhrìgh gun do nochd Dia tròcair dha. Agus an uair a thàinig e am fagus do Shara a nighean‑chéile fein, bheannaich se i, ag ràdh, ʼSe do bheatha, a nighinn: Gu mo beannaichte Dia, a thug dʼ ar n‑ionnsuidh thu, agus beannaichte gu robh tʼ athair agus do mhàthair. Agus bha gàirdeachas am measg a bhràithrean uile a bha ann an Ninebhe.
18Agus thàinig Achiacharus, agus Nasbas mac a bhràthar.
19Agus chumadh bainnis Thobiais rè sheachd làithean le gàirdeachas mòr.
Currently Selected:
Tobit 11: MacGAP
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017