Iudit 9
9
CAIB. IX.
1An sin thuit Iudit air a gnùis fein, agus chuir i luaithre air a ceann, agus rùisg i an sac‑eudach leis an robh i air a sgeudachadh; agus, mu ʼn àm anns an robh tùis an fheasgair sin air a thairgseadh suas ann an Ierusalem ann an tigh an Tighearna, ghlaodh Iudit le guth mòr, agus thubhairt i,
2O Thighearna Dhé mʼ athar Simeoin, dʼ an tug thu claidheamh a dheanamh dìoghaltais air na coigrich, a dhʼ fhuasgail crios maighdinn chum a truailleadh, agus a rùisg a sliasaid chum a nàire, agus a mhill a maighdeanas chum a maslaidh; oir thubhairt thusa, Cha bhi e mar so; agus an déigh sin rinn iad so:
3Air an aobhar sin, thug thu na riaghlairean aca thairis gu bhi air am marbhadh, air chor is gun do dhath iad an leabaidh le fuil, air doibh a bhi air am mealladh, agus bhuail thu na seirbhisich maille ri ʼn tighearnaibh, agus na tighearnan air an rìgh‑chaithrichibh;
4Agus thug thu am mnai mar chreich, agus an nigheanna mar bhràighdean, agus an cuid gu léir gu bhi air a roinn am measg an cloinne ionmhuinn, a ghluaiseadh le tʼ eud‑sa, agus aig an robh fuath do thruaillidheachd am fola fein, agus a ghairm ort‑sa air son furtachd: O Dhé, mo Dhia‑sa, éisd mar an ceudna riumsa ʼnam bhantraich.
5Oir dhʼ oibrich thu a mach cha ʼn e mhàin na nithe sin, ach mar an ceudna na nithe a thachair roimhe, agus a thàinig gu crìch a rìs; ghabh thu beachd air na nithibh a ta ann a nis, agus a ta chum teachd.
6Seadh, bha na nithe sin deas aig làimh a shònraich thu, agus a thubhairt, Feuch, tha sinn an so: oir tha do shligheanna gu léir air an ullachadh, agus tha do bhreitheanais air am fiosrachadh leat roimh làimh.
7Oir, feuch, tha na h‑Assiriaich air fàs lìonmhor ʼnan cumhachd; tha iad air an àrdachadh le h‑each agus le duine: tha iad aʼ deanamh uaill á neart an còisridh; tha iad ag earbsadh ri sgiath, agus ri sleagh, agus ri bogha, agus ri crann‑tabhuill; agus gun fhios aca gur tusa an Tighearna a bhriseas na coganna; ʼse ʼn Tighearna a ʼs ainm duit.
8Tilg sìos an neart aca ʼnadʼ chumhachd fein, agus thoir sìos an spionnadh aca ʼnadʼ chorruich fein; oir chuir iad rompa tʼ ionad‑naomh a thruailleadh, agus am pàilliun a mhilleadh far am bheil tʼ ainm glòrmhor a chòmhnuidh, agus adharc tʼ altarach a thilgeadh sìos leis aʼ chlaidheamh.
9Faic an uaill aca, agus cuir do chorruich a mach air an cinn: thoir dhòmhsa, a ta a ʼm bhantraich, a ʼm làimh, an cumhachd a smuainich mi.
10Buail le seòltachd mo bhile an seirbhiseach maille ris aʼ phrionnsa, agus am prionnsa maille ris an t‑seirbhiseach: bris sìos am mòr‑chuis le làimh boirionnaich.
11Oir tha do chumhachd‑sa a co‑sheasamh cha ʼn ann a ʼn dòmhladas sluaigh, agus do neart cha ʼn ann ann an daoinibh treuna; oir is Dia thusa do ʼn àmhghaireach, fear‑cuideachaidh do ʼn t‑sàruichte, agus fear‑cumail suas nan lag, fear‑dìonaidh nan tréigta, agus slànuighear na muinntir a ta gun dòchas.
12Guidheam ort, Guidheam ort, O Dhé mʼ athar, agus Dia oighreachd Israeil, Tighearna nèimh agus na talmhainn, Cruithear nan uisgeachan, Rìgh gach creutair, éisd thusa rimʼ ùrnuigh;
13Agus thoir air mo chainnt agus mo sheòltachd a bhi dhoibh‑san ʼnan lot agus ʼnam buille, a rùnaich nithe an‑iochdmhor an aghaidh do cho‑cheangail, agus do thighe naoimh, agus an aghaidh mullaich Shioin, agus an aghaidh tighe seilbh do chloinne.
14Agus thoir air gach cinneach agus treubh aideachadh gur tusa Dia gach cumhachd agus neirt, agus nach ʼeil aon idir eile ann chum sluagh Israeil a dhìonadh ach thu fein.
Currently Selected:
Iudit 9: MacGAP
Highlight
Share
Compare
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017