Iudit 8
8
CAIB. VIII.
1A nis aig an àm sin chual Iudit na nithe so, a bha ʼna nighean do Mherari, mac Oics, mhic Ioseiph, mhic Osieil, mhic Elcia, mhic Ananiais, mhic Ghedeoin, mhic Raphaim, mhic Achito, mhic Elin, mhic Eliaib, mhic Nataneil, mhic Shamaeil, mhic Shalasadi, mhic Israeil.
2Agus bʼ e Manasses a fear pòsda, dʼ a treubh agus cinneach fein, a bhàsaich aig aʼ bhuain‑eòrna.
3Oir ʼn àm da seasamh aʼ sealltuinn thairis orra a bha ʼceangladh nan sguab air an raoin, thàinig an teas air a cheann, agus thuit e air a leabaidh, agus bhàsaich e ann am baile Bhetulia; agus dhʼ adhlaic iad e maille rʼ a aithrichibh anns an achadh eadar Dotaim agus Balamo.
4Mar so bha Iudit ʼna bantraich ʼna tigh fein rè thrì bliadhna agus cheithir mìosa.
5Agus rinn i dhi fein bùth air mullach a tighe, agus chuir i sac‑eudach air a leasraidh, agus chaith i éididh bantraich.
6Agus rinn i trasgadh uile làithean a bantrachais, ach air feasgairibh nan Sàbaid, agus air na Sàbaidibh, agus air feasgairibh nan gealach‑ùra, agus air na gealaichibh‑ùra, agus air féilltibh agus làithibh sòlaimte thighe Israeil.
7Bha i mar an ceudna maiseach ʼna gnùise, agus ro bhòidheach ri amharc oirre: agus dhʼ fhàg a companach Manasses aice òr, agus airgiod, agus séirbhisich, agus ban‑sheirbhisich, agus feudal, agus fearann: agus thàmhaich i leò sin.
8Agus cha robh neach ann a thug droch fhocal dhi; oir bha eagal Dé oirre gu mòr.
9A nis an uair a chual i briathran aingidh an t‑sluaigh an aghaidh an uachdarain, gu ʼn dʼ fhainnich iad a dhìth uisge: oir chual Iudit na h‑uile bhriathra a labhair Osias riutha, agus gu ʼn do mhionnaich e am baile a thoirt suas do na h‑Assiriaich an déigh chùig làithean;
10An sin chuir i a bean‑frithealaidh fein, aig an robh riaghladh a gnothuichean uile, a ghairmeadh Osiais, agus Chabris, agus Charmis, seanairean aʼ bhaile;
11Agus thàinig iad dʼ a h‑ionnsuidh: agus thubhairt i riutha, Eisdibh rium a nis, O sibhse uachdarain luchd‑àiteachaidh Bhetulia: oir cha ʼn ʼeil bhur briathran ceart a labhair sibh an diugh ris an t‑sluagh, a thaobh nam mionnan a thug sibh, agus a labhair sibh eadar Dia agus sibhse, agus gheall sibh am baile a thoirt suas dʼ ar nàimhdibh, mar pill an Tighearna anns na làithibh so a dheanamh cuideachaidh leibh.
12Agus a nis, cò sibhse a bhrosnaich Dia air an là an diugh, agus a ta ʼseasamh an àite Dhé am measg chloinn nan daoine?
13Agus a nis feuchaibh an Tighearn Uile‑chumhachdach, ach cha ʼn aithne dhuibh nì sam bith gu bràth.
14Oir cha ʼn fhaigh sibh a mach doimhne cridhe an duine, ni mò a mhothuicheas sibh na nithe a ta e ʼsmuaineachadh; uime sin ciamar a rannsaicheas sibh a mach Dia, a rinn na nithe sin uile, agus a dhʼ aithnicheas sibh inntinn no a bheir sibh fanear a rùn? Ni h‑eadh, a bhràithre, na brosnaichibh an Tighearna Dia chum feirge.
15Oir mar cuidich e sinn ann an taobh a stigh do na cùig làithean sin, tha cumhachd aige ar dìonadh an uair a thogras e, eadhon, gach là, air‑neo sgrios a thoirt oirnn air beulthaobh ar nàimhdean.
16Na ceanglaibh comhairlean an Tighearn ar Dia‑ne: oir cha duine Dia, gu ʼn deanar bagradh ʼna aghaidh; ni mò tha e mar mhac an duine, chum bhi caochlaidheach ʼna ghiùlan.
17Air an aobhar sin fanamaid ri slàinte uaith, agus gairmamaid air a chuideachadh leinn, agus ma bhios e taitneach dha, cluinnidh e ar guth.
18Oir cha dʼ éirich aon neach ʼn‑ar lìnn fein, ni mò am bheil aon air bith a nis anns na làithibh so, aon chuid treubh no teaghlach, no sluagh, no baile, ʼnar measg, a ta ʼdeanamh aoraidh do dhiathaibh a rinneadh le làmhaibh, mar a bha ʼs na h‑amannaibh a dhʼ fhalbh.
19Air son an dʼ thugadh ar n‑aithriche do ʼn chlaidheamh, agus mar chreich, aig an robh tuiteam mòr roimh ar nàimhdean.
20Ach cha ʼn aithne dhuinn Dia idir eile, air an aobhar sin tha dòchas againn nach dean e dìmeas oirnne, no air aon sam bith dʼ ar cinneach.
21Oir ma nithear gréim oirnn air an dòigh so, bithidh Iudea uile fàs, agus millear ar n‑ionad‑naomh, agus agraidh e a mhì‑naomhachadh air ar beul.
22Agus sgrios ar bràithrean, agus bràighdeanas na dùcha, agus fàsachadh ar n‑oighreachd, tionndaidhidh esan air ar cinn am measg nan cinneach, ge bʼ e àit am bi sinn ann an daorsa, agus bithidh sinn ʼnar n‑oilbheum agus ʼnar masladh dhoibh‑san uile aig am bi sinn.
23Oir cha bhi ar daorsa air a stiùireadh gu deagh‑ghean: ach tionndaidh an Tighearn ar Dia e chum eas‑urraim.
24A nis uime sin, O bhràithre, nochdamaid eiseimpleir dʼ ar bràithribh, a chionn gu ʼm bheil an cridheachan ag earbsadh ruinne: agus tha an t‑ionad‑naomh, agus an tigh, agus an t‑altair, air an suidheachadh oirnne.
25Os bàrr, thugamaid buidheachas do ʼn Tighearna ar Dia, a ta ʼcur deuchainn oirnn, eadhon mar a rinn e air ar n‑aithrichibh.
26Cuimhnichibh na nithe a rinn e do Abraham, agus mar a chuir e deuchainn air Isaac, agus ciod a thachair do Iacob ann am Mesopotamia ann an Siria, an uair a ghléidh e caoraich Labain, bràthar a mhàthar fein.
27Oir cha do dhearbh e sinne anns an teine, mar a rinn e iadsan, air son rannsachaidh an cridheachan, ni mò an dʼ rinn e dìoghaltas oirnne: ach sgiùrsaidh an Tighearna iadsan a thig am fagus da, chum an earaileachadh.
28An sin, thubhairt Osias rithe, Gach nì a labhair thu, labhair thu le deagh chridhe, agus cha ʼn urrainn neach sam bith cur an aghaidh do bhriathran.
29Oir cha ʼn e so aʼ cheud là anns an dʼ fhoillsicheadh do ghliocas; ach o thoiseach do làithibh bha fios aig an t‑sluagh uile air do ghliocas, do bhrìgh gu ʼm bheil rùn do chridhe maith.
30Ach bha tart mòr air an t‑sluagh, agus cho‑éignich iad sinn gu dheanamh riutha mar a thubhairt sinn, agus gu bòid a thoirt oirnne fein, nach bris sinn.
31Uime sin a nis dean ùrnuigh air ar son, do bhrìgh gur boirionnach diadhaidh thu, agus cuiridh an Tighearn uisge dʼ ar n‑ionnsuidh a lìonadh ar soithichean, agus cha ʼn fhannaich sinn ni ʼs mò.
32An sin thubhairt Iudit riutha, Eisd rium, agus nì mi aon nì, a théid a mach air feadh gach ginealaich do chloinn ar cinnich fein.
33Seasaidh sibh an nochd anns aʼ gheata, agus théid mise mach le mo bhean‑frithealaidh; agus an taobh a stigh do na làithibh anns an do gheall sibh am baile a thoirt suas dʼ ar nàimhdibh, fiosraichidh an Tighearn Israel le mo làimh‑sa.
34Ach na feòraichibh dhìom mu ʼn ghnìomh so agamsa; oir cha ʼn innis mi dhuibh e, gus an crìochnaichear na nithe a nì mi.
35An sin thubhairt Osias agus na prionnsan rithe, Imich ann an sìth, agus gu robh an Tighearna Dia air thoiseach ort, gu dìoghaltas a dheanamh air ar nàimhdibh.
36Mar so phill iad o ʼn bhùth, agus chaidh iad chum an daingnichean.
Currently Selected:
Iudit 8: MacGAP
Highlight
Share
Compare
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017