Iudit 10
10
CAIB. X.
1A nis, an uair a sguir i a bhi ʼg éigheach ri Dia Israeil, agus a chrìochnaich i na briathra sin,
2Dhʼ éirich i far an do thuit i sìos, agus ghairm i air a ban‑òglach, agus chaidh i sìos chum an tighe anns an robh i aʼ fuireach air na laithibh‑Sàbaid, agus air na làithibh‑féille aice,
3Agus spìon i dhith an sac‑eudach a bha uimpe, agus chuir i dhith trusgain a bantrachais, agus dhʼ ionnlad i a coluinn gu léir le h‑uisge, agus dhʼ ung i i fein le h‑oladh‑ungaidh luachmhoir, agus dhualaich i folt a cinn, agus chuir i coron air, agus chuir i uimpe trusgain an aoibhneis, leis an robh i air a sgeudachadh ri lìnn Mhanasseis a companaich fein.
4Agus chuir i cuarain air a cosaibh, agus chuir i oirre fein a bràistean, agus a slabhraidhean, agus a fàinnean, agus a cluas‑fhailean, agus a nithe maiseach gu léir, agus dheasuich si i fein gu h‑òirdheirc, chum sùilean nan uile dhaoine a mhealladh a chitheadh i.
5An sin thug i searrag fìona dʼ a ban‑òglach, agus corn oladh, agus lìon i màla le gràn cruaidhichte agus le meallaibh fhìgean, agus le aran tana; mar so phaisg i na nithe sin uile cuideachd, agus chàraich i oirre iad.
6Mar so chaidh iad a mach dhʼ ionnsuidh geata Bhetulia, agus fhuair iad Osias ʼna sheasamh an sin, agus Chabris agus Charmis, seanairean aʼ bhaile.
7Agus an uair a chunnaic iad i, agus a gnùis air atharrachadh, agus a sgeudachadh air a mhùthadh, bha iongantas ro mhòr orra a thaobh a maise, agus thubhairt iad rithe,
8Gu nochdadh Dia, Dia ar n‑aithriche deagh‑ghean duit, agus gu soirbhicheadh e ledʼ ghnìomharaibh cruaidhe chum glòire do chloinn Israeil, agus chum àrdachaidh Ierusaleim. An sin rinn iad aoradh do Dhia.
9Agus thubhairt i riutha, Thugaibh àithne geatan aʼ bhaile a bhi air am fosgladh dhomhsa, chum gu ʼn téid mi a mach a dheanamh nan nithe mu ʼn do labhair sibh rium. Uime sin dhʼ àithn iad do na h‑òganaich a ʼm fosgladh dhi, mar a thubhairt i.
10Agus an uair a rinn iad so, chaidh Iudit a mach, i fein, agus a ban‑òglach maille rithe; agus sheall muinntir aʼ bhaile ʼna déigh, gus an do theirinn i aʼ bheinn, agus gus an deachaidh i thairis air aʼ ghlèann, agus gus nach bʼ urrainn doibh aʼ faicinn ni ʼs mò.
11Mar so chaidh iad dìreach mach an glèann, agus choinnich ceud fhreiceadain nan Assiriach i,
12Agus rinn iad gréim oirre, agus dhʼ fheòraich iad dhi, Cò dʼ am buin thu? agus cia as duit? agus cʼàit am bheil thu dol? Agus thubhairt ise, Is ban‑Eabhrach mi, agus theich mi uatha; oir bheirear dhuibh‑se iad gu bhi air an cur a dhìth:
13Agus tha mi teachd an làthair Holoferneis prìomh cheannaird bhur n‑armailt, a chur an céill briathra na fìrinn; agus nochdaidh mi dha slighe air an gluais e, agus air an coisinn e tìr nam beann air fad, gu ʼn fiù corp no anam aoin do na daoinibh aige a chall.
14A nis, an uair a chual na daoine a briathra, agus a chunnaic iad a gnùis, bha iongantas orra a thaobh a maise, agus thubhairt iad rithe,
15Theàrn thu do bheatha fein, do bhrìgh gu ʼn tàinig thu a nuas a ʼm fianuis ar tighearna; a nis uime sin thig dhʼ ionnsuidh a phàilliuin, agus stiùridh cuid againn thu, gus an toir iad suas thu ʼna làimh.
16Agus an uair a sheasas tu ʼna fhianuis, na biodh eagal ort ʼnadʼ chridhe, ach nochd dha a réir tʼ fhocail; agus buinidh e gu maith riut.
17An sin thagh iad asda cùig fichead fear chum a dhol maille ri fein agus a ban‑òglaich; agus thug iad i gu pàilliun Holoferneis.
18An sin bha co‑chruinneachadh air feadh aʼ chàimp; oir chaidh iomradh a teachd air feadh nam bùtha, agus thàinig iad mʼ a timchioll, an uair a bha i ʼna seasamh an taobh a mach do ʼn phàilliun aig Holofernes, gus an dʼ innis iad dha mʼ a déimhinn.
19Agus bha iongantas orra a thaobh a maise, agus bha meas aca air cloinn Israeil air a sgàth‑san; agus thubhairt gach aon rʼ a choimhearsnach, Cò a dheanadh tàir air an t‑sluagh so, aig am bheil a leithid do bhoirionnaich ʼnam measg? gu cinnteach cha ʼn ʼeil e ceart gun rachadh aon duine dhiubh fhàgail, oir air faotuinn as da, dhʼ fheudadh e an talamh uile a mhealladh.
20Agus chaidh iadsan a mach a bha a ʼm fagus do Holofernes, agus a chuid séirbhiseach uile, agus thug iad do ʼn phàilliun i.
21A nis ghabh Holofernes tàmh air a leabaidh fo cheann‑bhrat a chaidh fhigheadh le purpur, agus le h‑òr, agus le h‑emeraldaibh, agus le clachaibh luachmhoire.
22Mar sin nochd iad dha i; agus thàinig e a mach air beulaobh a phàilliuin, le lòchranaibh airgid aʼ dol roimhe.
23Agus an uair a thàinig Iudit ʼna fhianuis agus a ʼm fianuis a sheirbhiseach, ghabh iad uile iongantas ri maise a gnùise; agus thuit i sìos air a h‑aghaidh, agus rinn i ùmlachd dha: agus thog a sheirbhisich suas i.
Currently Selected:
Iudit 10: MacGAP
Highlight
Share
Compare
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017