Bible App logo
Search Icon

Sechariah 3

3
1 Le samhladh culaidh mhaisich leis an d’èideadh Iosuah an t‑àrd‐shagart, 8 chuireadh an cèill teachd Chrìosd a thoirt air falbh aingidheachd.
1Agus thaisbein e dhomh Iosuah#Hag 1:1 an t‑àrd‐shagart, na sheasamh an làthair aingeal an Tighearna; agus #3:1 is e sin, Eascaraid.Sàtan#Iob 1:6; Salm 109:6 na sheasamh aig a làimh dheis, gu cur na aghaidh#3:1 no, gu a chasaid..
2Agus thubhairt an Tighearna ri Sàtan, Gun dèanadh an Tighearna do chronachadh#Iùd 1:9, 23; Tais 12:9, 10, O Shàtain; gun dèanadh eadhon an Tighearna a roghnaich Ierusalem, do chronachadh: nach aithinne e seo#Amos 4:11, air a spìonadh as an teine?
3A‑nis bha Iosuah air èideadh le aodach salach#Isa 64:6; Mat 22:11; Tais 7:13, 14, agus sheas e an làthair an aingeil.
4Agus fhreagair esan, agus labhair e riùsan a sheas na làthair, ag ràdh, Thugaibh dheth an t‑aodach salach. Agus ris‐san thubhairt e, Feuch, thug mi air d’aingidheachd imeachd uat#Isa 6:5‐7; 43:25, agus èididh mi thu le culaidh mhaisich#Isa 61:10; Lùc 15:22; Tais 19:8.
5Agus thubhairt e, Cuireadh iad ceann‐aodach maiseach air a cheann#Daniel 6:11; Ecs 29:6: agus chuir iad ceann‐aodach maiseach air a cheann, agus dh’èid iad e le fallaingean; agus sheas aingeal an Tighearna leo.
6Agus dhearbh aingeal an Tighearna do Iosuah, ag ràdh,
7Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Ma ghluaiseas tu ann am shlighean‐sa, agus ma choimheadas tu mo reachd, an sin bheir thu mar an ceudna breith air mo thaigh, agus gleidhidh tu fòs mo chùirtean; agus bheir mi dhut àiteachan‐coiseachd am measg na muinntir seo nan seasamh leat.
8Eisd a‑nis, O Iosuah, àrd‐shagairt, thu fhèin agus do chompanaich a tha nan suidhe ad làthair: oir is daoine a tha nan samhladh#3:8 no, iongantais. iad: oir feuch, bheir mise a‑mach m’òglach, am Meangan#Isa 11:1.
9Oir feuch, a’ chlach a leag mise fa chomhair Iosuah: air aon chloich tha seachd sùilean#Tais 5:6. Feuch, gearraidh mise a gearradh, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, agus atharraichidh mi aingidheachd an fhearainn seo ann an aon là.
10Anns an là sin, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, gairmidh sibh gach fear a choimhearsnach fon fhìonain, agus fon chrann‐fhìge.

Currently Selected:

Sechariah 3: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in