Sechariah 2
2
1 Chuireadh aingeal a thomhas Ierusaleim. 6 Thugadh rabhadh don t‑sluagh Bàbilon a thrèigsinn. 10 Gheall Dia còmhnaidh a ghabhail ann am meadhon a shluaigh.
1Thog mi suas mo shùilean a‑rìs, agus dh’amhairc mi; agus, feuch, fear le sreing‐thomhais na làimh#Esec 40:3, 5.
2An sin thubhairt mise, Càit a bheil thu a’ dol? Agus thubhairt e rium, A thomhas Ierusaleim#Tais 11:1; 21:15, 16 a dh’fheuchainn ciod e a leud, agus ciod e a fad.
3Agus, feuch, chaidh an t‑aingeal a labhair rium a‑mach, agus chaidh aingeal eile a‑mach na chòdhail.
4Agus thubhairt e ris, Ruith, labhair ris an òganach sin, ag ràdh, Bidh Ierusalem air a h‑àiteachadh#Isa 26:1, 2; Esec 36:10, 11 mar bhailtean gun bhallachan, le lìonmhorachd nan daoine agus na sprèidhe a bhios innte.
5Oir bidh mise, tha an Tighearna ag ràdh, ann am bhalla teine dhi mun cuairt#Daniel 9:8; Isa 4:5, agus bidh mi ann am ghlòir na meadhon#Salm 3:3; Isa 60:19; Tais 21:23.
6Ho! ho! thigibh agus teichibh on tìr mu thuath#Gen 19:17, tha an Tighearna ag ràdh; oir ri ceithir gaothan an adhair sgaoil mise sibh a‑mach#Deut 28:64; Esec 17:21; Amos 9:9, deir an Tighearna.
7Ho! a Shioin, tàrr as#Isa 48:20; 52:11; Ier 50:8; 51:6, 45, O thusa a tha a chòmhnaidh maille ri nighinn Bhàbiloin.
8Oir mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, An dèidh na glòire seo chuir e mise a‑chum nan cinneach a chreach sibhse; oir an tì a bheanas ribhse, beanaidh e ri cloich a shùla‑san#Deut 32:10; Salm 17:8; Mat 25:40, 45.
9Oir feuch, crathaidh mise mo làmh orra#Isa 19:16, agus bidh iad nan cobhartaich dan tràillean: agus aithnichidh sibhse gun do chuir Tighearna nan sluagh fios leamsa.
10Seinn, agus dèan gàirdeachas#Isa 12:6, O nighean Shioin; oir feuch, tha mise a’ teachd, agus gabhaidh mi còmhnaidh ann ad mheadhon, deir an Tighearna.
11Agus bidh mòran chinneach air an cur ris an Tighearna anns an là sin#Isa 54:1‐3, agus bidh iad nan sluagh dhòmhsa: agus gabhaidh mise còmhnaidh ann ad mheadhon#2 Cor 6:16; Tais 21:3; agus bidh fhios agad gun do chuir Tighearna nan sluagh mise ad ionnsaigh.
12Agus sealbhaichidh an Tighearna Iùdah#Deut 32:9, a chuibhreann, anns an fhearann naomh; agus roghnaichidh e Ierusalem a‑rìs#Isa 41:9.
13Bi tosdach, O uile fheòil, an làthair an Tighearna: oir tha e air a thogail suas o a ionad‐còmhnaidh naomh.
Currently Selected:
Sechariah 2: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017