Sechariah 1
1
1 Dh’earalaich Sechariah an sluagh gu aithreachas a ghabhail. 7 Taisbeanadh nan each ruadha, bhreaca, agus bhàna. 12 Geallaidhean tròcaireach a‑thaobh Ierusaleim. 18 Taisbeanadh nan ceithir adhaircean. 20 Na ceithir fir‐cheàirde.
1Anns an ochdamh mìos, ann an dara bliadhna Dhariuis#Hag 1:1, thàinig facal an Tighearna gu Sechariah#Esra 5:1; Mat 23:35 mac Bharachiah, mhic Ido, am fàidh, ag ràdh,
2Bha corraich ro‑mhòr air an Tighearna ri ur n‑athraichean#2 Each 36:16; Salm 60:1:
3Agus abair thusa riu, Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Tillibh‐se riumsa#Ier 25:5; Mal 3:7, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh; agus tillidh mise ribhse#Mic 7:19; Lùc 15:20; Seum 4:8, deir Tighearna nan sluagh.
4Na bithibh mar ur n‑athraichean, ris an do ghlaodh na fàidhean a bha ann roimhe seo, ag ràdh, Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Tillibh‐se a‑nis o ur droch shlighean, agus o ur droch dhèanadais. Ach cha d’èisd iad, cha mhò a thug iad aire dhòmhsa, deir an Tighearna.
5Ur n‑athraichean, càit a bheil iad? Agus na fàidhean, am mair iad beò am feasd?
6Ach mo bhriathran‐sa, agus mo reachdan, a dh’àithn mi dom òglaich na fàidhean, nach do rinn iad greim#1:6 nach d’rug iad. air ur n‑athraichean#Hos 6:5? Agus nach dubhairt iad, Amhail mar a shaoil Tighearna nan sluagh a dhèanamh rinne#Tuir 2:17, a rèir ar slighean, agus a rèir ar dèanadais#Tuir 1:18, mar sin rinn e rinn.
7Air a’ cheathramh‐là‑fichead den aon‐mhìos‐deug (sin am mìos Sèbat), ann an dara bliadhna Dhariuis, thàinig facal an Tighearna gu Sechariah, mac Bharachiah, mhic Ido, am fàidh, ag ràdh,
8Chunnaic mi anns an oidhche, agus feuch duine a’ marcachd air each ruadh#Ios 5:13; Tais 6:4, agus sheas e am measg nan craobhan‐miortail a bha anns a’ ghleann, agus air a chùlaibh bha eich#Daniel 6:2 ruadha, bhreaca, agus bhàna.
9An sin thubhairt mi, Ciod iad seo, O mo Thighearna? Agus thubhairt an t‑aingeal a labhair rium, Feuchaidh mise dhut ciod iad seo.
10Agus fhreagair am fear a bha na sheasamh am measg nan craobhan miortail, agus thubhairt e#Salm 103:20, 21; Eabh 1:14, Seo iadsan a chuir an Tighearna gu siubhal sìos agus suas air feadh na talmhainn.
11Agus fhreagair iad aingeal an Tighearna, a sheas am measg nan craobhan miortail, agus thubhairt iad, Shiubhail sinne a‑nìos agus sìos air feadh na talmhainn; agus, feuch, tha an talamh uile na thàmh, agus a’ gabhail fois.
12An sin fhreagair aingeal an Tighearna, agus thubhairt e, O Thighearna nan sluagh, cia fhad a bhios tu gun tròcair a dhèanamh air Ierusalem#Salm 102:13; Tais 6:10, agus air bailtean Iùdah, ris a bheil thu ann an corraich a‑nis deich agus trì‐fichead bliadhna?
13Agus fhreagair an Tighearna an t‑aingeal a labhair riumsa, le briathran matha#Ier 29:10, le briathran sòlasach.
14Mar sin thubhairt an t‑aingeal a bha a’ labhairt rium, Glaodh thusa, ag ràdh, Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Tha mise eudmhor airson Ierusaleim#Daniel 8:2, 3; Ioel 2:18, agus airson Shioin le eud mòr:
15Agus tha mi ann an corraich ro‑mhòir ris na cinnich a tha suaimhneach; oir cha robh ormsa ach corraich bheag#Isa 47:6; Obad 1:15, 17, agus chuidich iadsan air a h‑aghaidh an dòrainn.
16Air an adhbhar sin mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Thill mi#1:16 tha mi air tilleadh. ri Ierusalem le tròcairean#Isa 12:1; 54:8: bidh mo thaigh air a thogail ann, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, agus bidh sreang‐thomhais air a sgaoileadh a‑mach air Ierusalem.
17Glaodh fhathast ag ràdh, Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Bidh mo bhailtean‐sa fhathast air an sgaoileadh a‑mach le soirbheachadh, agus bheir an Tighearna fhathast comhfhurtachd do Shion#Isa 51:3, agus roghnaichidh e fhathast Ierusalem#2 Sam 12:13; Isa 6:5‐7.
18An sin thog mi suas mo shùilean, agus chunnaic mi; agus feuch ceithir adhaircean.
19Agus thubhairt mi ris an aingeal a bha a’ labhairt rium, Ciod iad seo? Agus fhreagair esan mi, Is iad seo na h‑adhaircean a sgap Iùdah, Israel, agus Ierusalem.
20Agus dh’fheuch an Tighearna dhomh ceithir fir‐cheàirde.
21An sin thubhairt mi, Ciod a thàinig iad seo gu a dhèanamh? Agus labhair esan, ag ràdh, Is iad seo na h‑adhaircean a sgap Iùdah#Daniel 12:7, ionnas nach do thog aon duine suas a cheann: ach thàinig iad seo a‑chum eagal a chur orra, a thilgeadh a‑mach adhaircean nan cinneach a thog suas an adharc#Salm 75:4, 5 an aghaidh fearann Iùdah, a‑chum a sgapadh.
Currently Selected:
Sechariah 1: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017