YouVersion Logo
Search Icon

Sechariah 12

12
1 Nithear Ierusalem na cupan ball‐chrith, agus na cloich chudthromaich do na slòigh uile. 6 Buaidh uachdaran Iùdah. 10 Aithreachas Ierusaleim.
1Fàistneachd facal an Tighearna. A‑thaobh Israeil, tha an Tighearna ag ràdh, a tha a’ sgaoileadh a‑mach nan nèamh#Isa 44:24, agus a’ suidheachadh stèidh na talmhainn, agus a’ cruthachadh spiorad duine an taobh a‑staigh dheth#Àir 16:22; Ecl 12:7; Eabh 12:9:
2Feuch, nì mise Ierusalem na cupan ball‐chrith do na slòigh uile mun cuairt: airson Iùdah mar an ceudna bidh e anns an fheachd an aghaidh Ierusaleim.
3Agus anns an là sin nì mi Ierusalem na cloich chudthromaich#Mat 21:44 do na slòigh uile; na h‑uile a ghabhas i mar uallach orra fhèin, gearrar iad nam bloighdean: agus na h‑aghaidh bidh uile chinnich an domhain air an cruinneachadh ri chèile.
4Anns an là sin, tha an Tighearna ag ràdh, buailidh mise gach each le uamhas#Esec 38:4, agus a mharcaich le cuthach; agus fosglaidh mi mo shùilean air taigh Iùdah, agus gach aon each aig na slòigh buailidh mi le doille.
5Agus their uachdarain Iùdah nan cridhe, Is iad luchd‐àiteachaidh Ierusaleim mo neart ann an Tighearna nan sluagh, an Dia.
6Anns an là sin nì mise uachdarain Iùdah mar theallach teine am measg connaidh, agus mar leus teine ann an sguaib; agus loisgidh iad, air an làimh dheis, agus air an làimh chlì, na slòigh uile mun cuairt: agus àitichear Ierusalem a‑rìs, na h‑ionad fhèin, ann an Ierusalem.
7Saoraidh an Tighearna fòs pàilleanan Iùdah, mar o shean; mun dèan glòir taigh Dhaibhidh, no glòir luchd‐àiteachaidh Ierusaleim, iad fhèin àrdachadh an aghaidh Iùdah.
8Anns an là sin dìonaidh an Tighearna luchd‐àiteachaidh Ierusaleim; agus bidh esan a tha lag nam measg anns an là sin mar Dhaibhidh; agus taigh Dhaibhidh mar Dhia, mar aingeal an Tighearna nan làthair#Ecs 32:34; Isa 63:9; Mal 3:1; Eòin 17:21‐23.
9Agus tàrlaidh anns an là sin gun iarr mise na h‑uile chinnich a thig an aghaidh Ierusaleim a mhilleadh#Isa 54:17.
10Agus dòirtidh mi air taigh Dhaibhidh, agus air luchd‐àiteachaidh Ierusaleim#Ier 31:9, spiorad nan gràs agus nan athchuingean#Ròm 8:26, agus amhaircidh iad airsan a lot iad, agus nì iad caoidh air a shon#Eòin 19:34‐37; Tais 1:7, mar a chaoidheas duine airson a aon mhic: agus bidh an doilgheas air a shon mar dhoilgheas airson ciad‐ghin.
11Anns an là sin bidh cumha mhòr ann an Ierusalem#Lùc 23:48; Gnìo 2:37, cosmhail ri cumha Hadadrimoin#2 Each 35:22‐25, ann an gleann Mhegidoin.
12Agus nì am fearann caoidh, gach aon teaghlach air leth, agus am mnathan air leth#Ioel 2:16: teaghlach taigh Nàtain#2 Sam 5:14 air leth, agus am mnathan air leth:
13Teaghlach taigh Lèbhi air leth, agus am mnathan air leth: teaghlach Shimei#Àir 3:18 air leth, agus am mnathan air leth:
14Na h‑uile theaghlaichean eile, gach teaghlach air leth, agus am mnathan air leth.

Currently Selected:

Sechariah 12: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in