YouVersion Logo
Search Icon

Sechariah 13

13
1 An tobar a dh’fhosgailear do luchd‐àiteachaidh Ierusaleim airson peacaidh, agus airson neòghloine. 7 Bàs Chrìosd, agus tèarainteachd trian den t‑sluagh.
1Anns an là sin bidh tobar#Esec 36:25; Eabh 9:13, 14; 1 Eòin 1:7; Tais 1:5 air fhosgladh do thaigh Dhaibhidh, agus do luchd‐àiteachaidh Ierusaleim, airson peacaidh agus airson neòghlaine.
2Agus tàrlaidh air an là sin, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, gun geàrr mise a‑mach ainmean nan iodhalan as an fhearann#Ecs 23:13; Esec 36:25; Hos 2:17; Mic 5:12‐14, agus cha chuimhnichear iad nas mò; agus fòs bheir mi air na fiosaichean agus na spioradan neòghlan siubhal a‑mach as an fhearann.
3Agus tàrlaidh nuair a nì duine sam bith fàistneachd, an sin gun abair a athair agus a mhàthair, a ghin e, ris, Cha mhair thu beò; oir labhair thu breugan ann an ainm an Tighearna: agus nì a athair agus a mhàthair a ghin e, a bhualadh troimhe nuair a nì e fàistneachd#Deut 13:6, 8; 18:20.
4Agus tàrlaidh anns an là sin gum bi nàire air na fàidhean#Mic 3:6, 7, gach aon de a shealladh nuair a nì e fàistneachd: cha mhò a chuireas iad umpa fallaingean molach#2 Rìgh 1:8; Mat 3:4 gu mealladh.
5Ach their gach aon, Chan fhàidh mise, is treabhaiche mi; oir tha còir aig duine eile orm om òige.
6Agus their aon ris, Ciod iad na lotan sin ann ad làmhan? An sin freagraidh esan, Iad sin leis an do lotadh mi ann an taigh mo chàirdean.
7Dùisg, O chlaidheimh, an aghaidh mo bhuachaille#Eòin 10:11, agus an aghaidh an duine a tha na dhlùth‐chompanach dhòmhsa#Eòin 10:30; Philip 2:6; Eabh 1:6‐12, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh. Buailidh mise am buachaille#Isa 53:4‐10; Mat 26:31, 56, agus bidh an treud air a sgapadh; agus tionndaidhidh mi mo làmh#Isa 1:25 air a’ mhuinntir bhig#Mat 18:10, 14.
8Agus tàrlaidh anns an fhearann uile tha an Tighearna ag ràdh, gun gearrar as dà thrian ann, agus gum bàsaich iad; ach bidh an treas trian air fhàgail ann#Ròm 11:1‐5.
9Agus bheir mise an treas trian tron teine, agus glanaidh mi iad mar a ghlanar an t‑airgead#Iob 23:10; Isa 48:10; Mal 3:2, 3, agus dearbhaidh mi iad mar a dhearbhar an t‑òr; gairmidh iad air m’ainm‐sa, agus èisdidh mise riu; their mi, Is iad mo shluagh#Esec 11:20; Hos 2:23; agus their iadsan, Is e an Tighearna mo Dhia.

Currently Selected:

Sechariah 13: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in