Sechariah 11
11
1 Lèir‐sgrios Ierusaleim. 4 Cùram Chrìosd da threud. 15 Samhladh agus mallachd buachaille amaidich.
1Fosgail do dhorsan, O Lebanoin, a‑chum gun loisg an teine do sheudair.
2Guil gu h‑àrd, O chraobh ghiuthais, oir thuit an seudar; oir tha iadsan a b’àirde air am milleadh: dèanaibh gul, O dharagan Bhasain; oir ghearradh frìth na callaid.
3Guth ulartaich nam buachaillean! A chionn gu bheil an glòir air a milleadh. Guth beucach nan leòmhann òga! Oir tha uabhar Iòrdain air a chreachadh.
4Mar seo thubhairt an Tighearna, mo Dhia, Beathaich thusa treud a’ chasgraidh,
5A tha an sealbhadairean a’ marbhadh, agus gam meas fhèin neo‐chiontach: agus tha iadsan a tha gan reic ag ràdh, Beannaichte gu robh an Tighearna, oir tha mi saoibhir: agus chan eil truas aig an aodhairean fhèin dhiubh.
6Oir cha ghabh mise nas mò truas de luchd‐àiteachaidh na tìre, tha an Tighearna ag ràdh; ach feuch, bheir mi thairis daoine, gach aon do làimh a choimhearsnaich, agus do làimh a rìgh; agus buailidh iad am fearann, agus cha saor mi as an làimh.
7Agus beathaichidh mi treud a’ chasgraidh, eadhon sibhse, a bhochdan an treud. Agus ghabh mi am ionnsaigh dà luirg: air aon dhiubh thug mi mar ainm Maise, agus air aon eile thug mi mar ainm Cuibhrichean; agus bheathaich mi an treud.
8Trì aodhairean fòs gheàrr mi as ann an aon mhìos#Hos 5:7; agus bha gràin aig m’anam‐sa dhiubhsan, agus bha fuath aig an anam‐san dhòmhsa.
9An sin thubhairt mi, Cha bheathaich mi sibh#Ier 23:33, 39; an nì sin a bhàsaicheas, bàsaicheadh e#Ier 15:1‐5; 43:11; agus an nì sin a tha gu bhith air a ghearradh as, biodh e air a ghearradh as: agus itheadh a’ chuid eile gach aon feòil a chèile.
10Agus ghabh mi mo lorg, eadhon Maise, agus gheàrr mi na bloighdean i, a‑chum gum brisinn mo choicheangal a rinn mi ris an slòigh uile.
11Agus bhriseadh e anns an là sin: agus mar sin dh’aithnich bochdan an treud#Isa 14:32; Seph 3:12 a thug an aire dhomh gum b’e sin facal an Tighearna.
12Agus thubhairt mi riu, Ma chìthear ceart dhuibh, thugaibh dhomh mo luach; agus mura faicear, leigibh leis: mar sin thomhais iad airson mo luach, deich‐buinn‐fhichead airgid#Ecs 21:32; Mat 26:15.
13Agus thubhairt an Tighearna rium, Tilg a‑chum a’ chreadhadair e#Mat 27:3‐10: an luach ciatach leis an robh mise air mo mheas leòsan! Agus ghabh mi na deich‐buinn‐fhichead airgid, agus thilg mi iad ann an taigh an Tighearna, a‑chum a’ chreadhadair.
14Agus gheàrr mi as a chèile mo lorg eile, eadhon Cuibhrichean; a‑chum gum brisinn am bràithreachas eadar Iùdah agus Israel.
15Agus thubhairt an Tighearna rium a‑rìs, Gabh ad ionnsaigh fhathast innealan buachaille amaidich:
16Oir feuch, togaidh mise suas buachaille anns an fhearann, nach seall an dèidh an nì sin a ghearrar as: nach iarr a’ chuid a tha òg; agus nach leighis a’ chuid a fhuair dochann; cha mhò a bheathaicheas e a’ chuid a sheas: ach ithidh e feòil na cuid a tha reamhar, agus reubaidh e an crodhain nam bloighdean.
17Is truagh don droch bhuachaille a dh’fhàgas an treud#Eòin 10:12, 13: thig sgrios air a ghàirdean, agus air a shùil dheis; seargaidh a ghàirdean gu tur, agus dorchaichear a shùil dheas gu h‑iomlan.
Currently Selected:
Sechariah 11: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017