YouVersion Logo
Search Icon

Sechariah 10

10
1 Is còir iarraidh a dh’ionnsaidh Dhè, 2 agus chan ann a dh’ionnsaidh iodhalan. 3 Cruinnichidh Dia a shluagh, agus saoraidh e iad.
1Iarraibh‐se air an Tighearna uisge ann an àm an uisge dheireannaich#Deut 11:13, 14; nì an Tighearna dealanach, agus bheir e dhuibh pailteas uisge; do gach aon feur anns an fhaiche.
2Oir labhair na h‑iodhalan dìomhanas, agus chunnaic na fiosaichean breug, agus dh’innis iad aislingean faoine; is dìomhain an comhfhurtachd: uime sin dh’imich iad air falbh mar threud; bha iad air an claoidh, a chionn nach robh buachaille air bith ann.
3An aghaidh nam buachaillean las mo chorraich‐sa#Esec 34:7, etc., agus na gobhair smachdaichidh mi. Ach dh’amhairc Tighearna nan sluagh air a threud, taigh Iùdah; agus nì e iad mar each maiseach anns a’ chath#DànShol 1:9.
4Uaithesan thig a‑mach a’ chlach‐oisne#Isa 28:16, uaithesan an tarrang#Isa 22:23, uaithesan am bogha‑catha, uaithesan gach uile uachdaran le chèile.
5Agus bidh iad ann an cath cosmhail ri gaisgich a shaltras air clàbar nan sràidean: agus cogaidh iad, a chionn gu bheil an Tighearna maille riu; agus cuirear marcaichean nan each gu nàire.
6Agus neartaichidh mise taigh Iùdah, agus tèarnaidh mi taigh Iòseiph; agus suidhichidh mi iad a‑rìs; oir tha truas agam dhiubh#Isa 54:7‐10: agus bidh iad mar nach tilginn fada uam iad: oir is mise Iehòbhah an Dia, agus èisdidh mi riu.
7Agus bidh Ephraim mar ghaisgeach; agus nì an cridhe gàirdeachas mar le fìon: seadh, chì an clann, agus bidh iad ait; nì an cridhe gàirdeachas anns an Tighearna.
8Gairmidh mise iad, agus cruinnichidh mi iad, oir shaor mi iad: agus meudaichidh iad, eadhon mar a mheudaich iad.
9Agus cuiridh mi iad mar shìol am measg nan cinneach#Ròm 11:11‐15; agus cuimhnichidh iad ormsa ann an dùthchannan fad as#Deut 30:1‐3; agus mairidh iad beò len cloinn, agus tillidh iad a‑rìs.
10Agus bheir mi air an ais iad o thìr na h‑Eiphit, agus cruinnichidh mi iad a‑mach à Asiria; agus bheir mi iad air an ais gu tìr Ghileaid agus Lebanoin; agus cha bhi àite nas leòr ra fhaotainn dhaibh#Isa 49:20.
11Agus thèid e tron fhairge le dòrainn: agus buailidh e na tonnan anns an fhairge; agus tiormaichidh uile dhoimhneachdan na h‑aibhne suas; agus bheirear a‑nuas uabhar Asiria, agus imichidh slat‐rìoghail na h‑Eiphit seachad.
12Agus neartaichidh mi iad anns an Tighearna#Isa 41:10: agus na ainm‐san gluaisidh iad, deir an Tighearna#Mic 4:5; Col 2:6.

Currently Selected:

Sechariah 10: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in