YouVersion Logo
Search Icon

Dàn Sholaimh 7

7
1 Àilleachd agus maise na h‑eaglais: 10 Nochd i a creidimh, agus a dèidh air Crìosd.
1Cia àillidh do chasan ann am brògan#Eph 6:15, a nighean rìoghail! Tha uilt do shliasad mar usgraichean, obair làmhan fir‐ceàirde:
2Tha d’imleag mar chuaich chruinn, air nach bi easbhaidh dibhe; do bhalg mar dhùn cruithneachd, cuartaichte le lilidhean.
3Tha do dhà chìch mar dhà mheann earba#DànShol 4:5, càraid na maoislich.
4Tha do mhuineal mar thùr ìbhoraidh; do shùilean mar lochan èisg ann an Hesbon#Àir 21:25, làimh ri geata Bhat‐rabaim; do shròn mar thùr Lebanoin, a sheallas a làimh Dhamascais.
5Tha do cheann ort cosmhail ri Carmel#Isa 35:2; Mic 7:14, agus falt do chinn cosmhail ri corcar: tha an rìgh ceangailte na sheòmraichean#Salm 68:24.
6Cia àillidh, agus cia taitneach a tha thu, a ghaoil, ann ad mhaisealachd#Salm 45:11!
7Tha an àirde sin agad cosmhail ri craoibh‐phailme, agus tha do chìochan mar bhagaidean fhìondhearc.
8Thubhairt mi, Sreapaidh mi suas don chraoibh‐phailme, gabhaidh mi greim de a geugan: agus a‑nis bidh do chìochan mar bhagaidean den fhìon‐chraoibh, agus cùbhraidheachd d’aodainn mar chùbhraidheachd nan ubhall:
9Mar an ceudna do chàirean mar am fìon as fheàrr, airson mo ghràidh, a thèid sìos gu milis, a’ toirt cainnte do bhilean an dream a chaidleas.
10Is le fear mo ghràidh mise#DànShol 2:16; 6:3, agus is ann ormsa a tha a chion#Salm 45:11.
11Thig, fhir mo ghràidh, rachamaid a‑mach don mhachair; fanamaid rè na h‑oidhche anns na bailtean.
12Anns a’ mhoch‐thràth rachamaid do na fìonliosan, seallamaid a bheil an fhìonchraobh air teachd fo bhlàth, a bheil an fhìondhearc bheag ga nochdadh fhèin, a bheil na pomgranatan air briseadh a‑mach: an sin bheir mi mo ghràdh dhut.
13Tha na mandragan a’ tabhairt fàile cùbhraidh uapa; agus aig ar geatachan, gach meas as taghte, ùr agus sean, fhir mo ghràidh, thaisg mi dhutsa.

Currently Selected:

Dàn Sholaimh 7: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in