Dàn Sholaimh 6
6
1 Tha an eaglais a’ cur an cèill a creidimh, agus a gràidh do Chrìosd. 4 Nochd Crìosd maise na h‑eaglais, 10 agus a ghràdh dhi.
1Càit an deachaidh fear do ghràidh, O thusa as àillidh am measg bhan? Cia an taobh a thionndaidh fear do ghràidh#Ier 14:8? Agus iarraidh sinn e maille riut.
2Chaidh fear mo ghràidh‐sa sìos da lios, gu leapaichean nan spìosraidh, a dh’ionaltradh anns na liosan, agus a thional lilidh.
3Is le fear mo ghràidh mise, agus is leamsa fear mo ghràidh: tha e ag ionaltradh am measg nan lilidh.
4Is àillidh thu, a bhean mo ghaoil, mar Thirsah#1 Rìgh 14:17, maiseach mar Ierusalem#DànShol 6:10, uamhasach mar shluagh lem brataichean.
5Tionndaidh uam do shùilean, oir chlaoidh iad mi: tha d’fhalt mar threud ghobhar a nochdar o Ghilead#DànShol 4:1‐3.
6Tha do dheud mar threud chaorach, a thàinig a‑nìos on àite‐nighidh, a bheireas gach aon dhiubh càraid, agus gun aon chaora sheasg nam measg.
7Mar mhìr de phomgranat tha do chamagan am meadhon do chiabh#6:7 no, air cùl do ghnùis‐bhrat..
8Tha trì‐fichead bànrighinn#1 Rìgh 11:1; Salm 45:9, agus ceithir‐fichead leannan#6:8 coileabach. ann, agus òighean gun àireamh.
9Is ise na h‑aonar mo chalaman, mo bhean choileanta; is i aon nighean a màthar i, a seircean‐se a rug i. Chunnaic na nigheanan i, agus bheannaich iad i; na bànrighnean agus na leannain, agus mhol iad i.
10Cò ise a chìthear mar a’ mhadainn#Tais 21:10, 11, sgiamhach mar a’ ghealach, glan mar a’ ghrian, uamhasach mar shluagh lem brataichean#DànShol 6:4; Salm 14:5?
11Do lios nan cnò chaidh mi sìos, a ghabhail beachd air toradh a’ ghlinne#Eòin 15:16, a dh’fhaicinn an robh an fhìonain fo bhlàth, an robh na pomgranatan a’ briseadh a‑mach.
12Mun tug mi an aire, ar leam gun do thàirngeadh a‑mach dhomh carbadan Aminadaib#6:12 no, carbadan mo shluaigh thoilich, Salm 110:3..
13Till, till, a bhan‐Shulamach, till, till, agus amhairceamaid ort. Carson a dh’amhairceadh sibh air a’ bhan‐Shulamaich mar bhuidheann#6:13 no, Mahanaim, Gen 32:2. dà fheachd#Gal 5:17?
Currently Selected:
Dàn Sholaimh 6: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017