Dàn Sholaimh 5
5
1 Mhosgail an eaglais nuair a ghairm Crìosd: 2 A gràdh don Tighearna. 9 Tha Crìosd maiseach agus sònraichte am measg dheich mìle.
1Tha mi air teachd dom lios, a phiuthar, a chèile; thionail mi mo mhirr maille rim spìosraidh; dh’ith mi mo chìr‐mheala maille rim mhil; dh’òl mi m’fhìon maille rim bhainne. Ithibh#Isa 55:1, 2, a chàirdean#Eòin 3:29; 15:13‐15, òlaibh, seadh, òlaibh gu pailt#Tais 22:17, a luchd mo ghràidh.
2Tha mi am chadal, ach tha mo chridhe na fhaireachadh. Guth fir mo ghràidh a’ bualadh#Tais 3:20! Fosgail dhomh, mo phiuthar, mo bhanacharaid, mo chalaman, mo bhean choileanta; oir tha mo cheann còmhdaichte le drùchd, mo chiabhan le braoin na h‑oidhche.
3Chuir mi dhìom mo thrusgan; cionnas a chuireas mi orm e? Dh’ionnlaid mi mo chasan; cionnas a shalaicheas mi iad?
4Chuir fear mo ghràidh a làmh tro tholl an dorais, agus ghluaiseadh m’innigh air a shon.
5Dh’èirich mi a dh’fhosgladh do fhear mo ghràidh; agus shil mo làmhan mirr, agus mo mheòir mirr ruithteach, air làmhan na glaise.
6Dh’fhosgail mi do fhear mo ghràidh; ach thionndaidh fear mo ghràidh, agus dh’imich e roimhe. Thrèig m’anam mi nuair a labhair e. Dh’iarr mi e#DànShol 3:1, 3, ach cha d’fhuair mi e; ghairm mi air, ach cha do fhreagair e mi.
7Fhuair an luchd‐faire a bha a’ dol air an cuairtean anns a’ bhaile mi; bhuail iad mi#Salm 141:5, lot iad mi#Hos 6:5; thug luchd‐coimhead nam balla m’fhallaing dhìom.
8Cuiream mar fhiachaibh oirbh, a nigheanan Ierusaleim, ma gheibh sibh fear mo ghràidh, gun innis sibh dha mar a tha mi tinn le gràdh.
9Ciod e fear do ghràidh‐sa thar fear‐ghràidh eile, O thusa as àillidh am measg bhan#DànShol 1:8; Salm 45:13? Ciod e fear do ghràidh‐sa thar fear‐ghràidh eile, gun do chuir thu air an dòigh seo mar fhiachaibh oirnn?
10Tha fear mo ghràidh‐sa geal agus dearg, sònraichte am measg deich mìle.
11Tha a cheann mar an t‑òr as glaine; a chiabhan bachlagach, dubh mar am fitheach.
12Tha a shùilean mar shùilean chalaman#DànShol 4:1 làimh ri sruthan uisgeachan, a nigheas iad fhèin ann am bainne, air an suidheachadh gu ceart.
13Tha a ghruaidhean mar leabaidh spìosraidh, mar bhlàthan cùbhraidh; a bhilean mar lilidhean a’ sileadh mirr ruithtich.
14Tha a làmhan mar fhàinnean òir suidhichte le berilean; a chom mar fhiacail elephaint lìomhte, air a cur thairis le saphirean.
15Tha a chasan mar phuist marmoir, suidhichte air bonnan den òr as glaine; a choslas mar Lebanon, barraichte mar na seudair.
16Is ro‑mhilis a bheul#Salm 45:2; seadh, tha e gu lèir ionmhainn. Is e seo fear mo ghràidh‐sa, agus is e seo mo charaid, a nigheanan Ierusaleim.
Currently Selected:
Dàn Sholaimh 5: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017