YouVersion Logo
Search Icon

Dàn Sholaimh 4

4
1 Nochd Crìosd dreach agus maise na h‑eaglais. 16 Ghuidh an eaglais gum bitheadh i air a dèanamh iomchaidh airson làthaireachd Chrìosd.
1Feuch, is àillidh thu#Esec 16:14; Salm 149:4, a bhean mo ghaoil; feuch, is àillidh thu! Tha sùilean chalaman agad an taobh a‑staigh ded chiabhan: tha d’fhalt mar threud ghobhar a nochdar o shliabh Ghilead.
2Is cosmhail do dheud ris an treud lomarta, a thàinig a‑nìos on àite‐nighidh, a bheireas gach aon dhiubh càraid, agus gun aon chaora sheasg nam measg.
3Mar shnàthainn dearg air a dhath dà uair tha do bhilean, agus tha do chainnt binn#Gnà 31:26; Col 4:6: mar mhìr de phomgranat tha do chamagan am meadhon do chiabh.
4Tha do mhuineal mar thùr Dhaibhidh, air a chur suas gu bhith na thaigh‐arm: tha mìle targaid crochte suas ris, uile sgiathan nan treun‐fhear.
5Tha do dhà chìch mar dhà mheann earba#DànShol 7:3; Gnà 5:19, càraid na maoislich, a dh’ionaltras am measg nan lilidh.
6Gus am bris an là#DànShol 2:17, agus an teich na sgàilean, thèid mi gu beinn a’ mhirr, agus gu tulach na tùise.
7Tha thu uile àillidh#Eph 5:27, a bhean mo ghaoil, agus smal chan eil annad.
8Leamsa o Lebanon, a chèile, leamsa thig o Lebanon: seall o mhullach Amana#2 Rìgh 5:12, o mhullach Shenir#Deut 3:9 agus Hermoin, o àitean‐tàimh nan leòmhann, o bheanntan nan liopard.
9Dh’èignich thu mo chridhe#DànShol 6:5, a phiuthar, a chèile; dh’èignich thu mo chridhe le aon ded shùilean, le aon slabhraidh mud mhuineal.
10Cia taitneach a tha do ghràdh, a phiuthar, a chèile! Cia mòr as fheàrr na fìon do ghràdh, agus fàile d’ola‑ungaidh na na h‑uile spìosraidh!
11Mar a’ chìr‐mheala silidh do bhilean, a chèile: tha mil agus bainne fo do theangaidh#DànShol 5:1; Gnà 24:13, 14; agus tha fàile do thrusgain mar fhàile cùbhraidh Lebanoin#Gen 27:27; Hos 14:6, 7.
12Is lios glaiste thu, a phiuthar, a chèile; fuaran dùinte, tobar air a sheulachadh.
13Tha do gheugan mar lios phomgranat, leis a’ mheas as taitniche; le croinn champhir maille ri preasan spiocnaird:
14Spiocnard agus cròch; cuilc mhilis agus canal, leis na h‑uile chraobhan tùise; mirr agus alo, maille ris na spìosraidh as taghte;
15Fuaran lios, tobar uisgeachan beò, agus a’ sruthadh o Lebanon.
16Eirich, a ghaoth tuath, agus thig a ghaoth a deas, sèid air feadh mo liosa, rachadh fàile cùbhraidh a spìosraidh a‑mach. Thigeadh m’annsachd da lios, agus itheadh e a thoradh taitneach.

Currently Selected:

Dàn Sholaimh 4: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in