Dàn Sholaimh 3
3
1 Na teanntachd dh’iarr an eaglais còmhnadh o Chrìosd: 6 agus rinn i gàirdeachas na mhaitheas.
1Air mo leabaidh anns an oidhche#Isa 26:9 dh’iarr mi an tì da bheil gràdh aig m’anam: dh’iarr mi e, ach cha d’fhuair mi e#Iob 23:8, 9.
2Eiridh mi a‑nis, agus thèid mi mun cuairt anns a’ chathair, anns na sràidean agus anns na slighean farsaing iarraidh mi esan da bheil gràdh aig m’anam: dh’iarr mi e, ach cha d’fhuair mi e.
3Thachair orm an luchd‐faire#DànShol 5:7; Esec 3:17 a’ dol mun cuairt anns a’ chathair: Am faca sibh an tì da bheil gràdh aig m’anam?
4Cha deachaidh mi ach beagan air m’aghaidh uapa#DànShol 6:12, nuair a fhuair mi esan da bheil gràdh aig m’anam#Isa 45:19; Ier 29:12, 13; rinn mi greim air#Lùc 24:29; Tais 3:11, 12, agus cha leiginn as e, gus an tug mi e do thaigh mo mhàthar, agus da seòmar‐se a rug mi.
5Cuiream mar fhiachaibh oirbh#DànShol 2:7; 8:4, 5, a nigheanan Ierusaleim#Mic 4:8, air earban agus air èildean na machrach, nach cuir sibh dragh air, agus nach dùisg sibh mo ghràdh, gus an àill leis fhèin.
6Cò ise a tha ag èirigh suas as an fhàsach#Deut 8:2; Isa 43:19 mar stuaghan deataich#Philip 4:18; Tais 5:8, cùbhraidh le mirr agus tùis, le uile mhìn‐dhus ceannaiche nan spìosraidh?
7Feuch, uirigh Sholaimh! Trì‐fichead treun‐fhear ma timcheall#2 Rìgh 6:17; Eabh 1:14 de threun‐fhir Israeil.
8Fir‐chlaidheimh uile, cleachdte ann an cogadh; gach fear le a chlaidheamh air a leis#Salm 45:3, an aghaidh gàbhadh na h‑oidhche#Isa 27:3.
9Rinn Solamh an Rìgh leabaidh‐phòsaidh#3:9 no, carbad, den ghnè ris an abrar anns a’ Bheurla palanquin. dha fhèin de chroinn Lebanoin.
10A puist dhealbh e de airgead, a h‑ìochdar de òr, a còmhdach de chorcar; bha a meadhon air obrachadh le samhlaidhean gràidh le nigheanan Ierusaleim.
11Rachaibh a‑mach, a nigheanan Shioin, agus faicibh Rìgh Solamh#Tais 1:7 leis a’ chrùn leis an do chrùn a mhàthair e#Eabh 2:9 air là a phòsaidh#Eòin 3:29; Tais 21:9, 10, agus air là subhachas a chridhe#Isa 62:5.
Currently Selected:
Dàn Sholaimh 3: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017