YouVersion Logo
Search Icon

Dàn Sholaimh 2

2
1 Tha gràdh Chrìosd na bhratach don eaglais. 8 Dòchas, 10 agus dreuchd na h‑eaglais. 14 Cùram Chrìosd mu thimcheall na h‑eaglais.
1Is ròs o Shàron mise#Eòin 15:1, lilidh nan gleann.
2Mar lilidh am measg droighnich#Mat 10:16; Philip 2:15 is amhail mo ghràdh‐sa am measg nan nighean.
3Mar chrann‐ubhall am measg croinn na coille, is amhail mo rùn‐sa am measg nan òganach; fo a sgàile mhiannaich mi, agus shuidh mi sìos, agus bha a thoradh milis dom bhlas#Tais 22:1, 2.
4Threòraich e mi do thaigh an fhìona, agus b’i a bhratach tharam an gràdh#Eòin 15:9‐15.
5Cumaibh suas mi le cùirn#2:5 no, breacagan fhìon‐dhearc tiormaichte., sgapaibh ùbhlan mum thimcheall, oir tha mi tinn le gràdh.
6Tha a làmh chlì fom cheann#DànShol 8:3‐5, agus a làmh dheas timcheall orm.
7Cuiream mar fhiachaibh oirbh#2:7 cuiream fo mhionnan sibh., a nigheanan Ierusaleim, air earban agus air èildean na machrach, nach cuir sibh dragh air, agus nach dùisg sibh mo ghràdh, gus an àill leis fhèin.
8Guth mo ghràidh! Feuch, tha e a’ teachd, a’ leumnaich air na beanntan, a’ toirt sithidh air na tulaichean.
9Is cosmhail mo ghràdh ri earba no ri laogh fèidh: feuch, tha e na sheasamh air cùl ar balla, a’ sealltainn a‑mach air na h‑uinneagan, ga nochdadh fhèin tron chlèith#Lùc 24:35; Col 2:17.
10Fhreagair mo ghràdh, agus thubhairt e rium, Eirich, a bhean mo ghaoil, m’aon sgiamhach, thig leam:
11Oir feuch, tha an geamhradh seachad, tha an t‑uisge thairis, dh’imich e roimhe.
12Chìthear na blàthan air an talamh, tha àm seinn nan eun air teachd, agus cluinnear guth an turtair nar tìr.
13Tha an crann‐fìge a’ cur a‑mach a fhìgean glasa, agus tha dearcan maotha a’ chroinn‐fhìona a’ toirt fàile cùbhraidh uapa: èirich, a bhean mo ghaoil, m’aon sgiamhach, agus thig leam.
14Mo chalaman, a tha ann an sgoltaidhean na creige#Ier 48:28, ann an ionad‐diamhair a’ bhruthaich, leig dhomh amharc ort, leig leam do ghuth a chluinntinn, oir tha do ghuth binn#Gnà 15:8; Tais 5:8, agus d’aogas maiseach.
15Glacaibh dhuinn na sionnaich, na sionnaich bheaga#Esec 13:4, a mhilleas na croinn‐fhìona, agus dearcan òga ar crann‐fìona.
16Is leamsa mo ghràdh#Salm 63:1, agus is leis‐san mise#1 Cor 3:23: tha e ag ionaltradh am measg nan lilidh.
17Gus am bris an là#2 Pead 1:19, agus an teich na sgàilean, till; bi cosmhail ri earb#DànShol 8:14, a ghràidh, no ri laogh fèidh air beanntan Bheteir#2:17 an dealachaidh..

Currently Selected:

Dàn Sholaimh 2: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in