Dàn Sholaimh 1
1
1 Gràdh na h‑eaglais do Chrìosd: 7 na h‑ùrnaigh ghuidh i gun treòraicheadh e i a dh’ionnsaidh a threud. 8 Sheòl Crìosd i gu bùthan nan aodhairean, 9 agus nochd e meud a ghràidh dhi.
1Dàn nan dàn#1 Rìgh 4:32, dàn Sholaimh.
2Pògadh e mi le pògan a bheòil#Salm 2:12; oir is math do ghràdh seach fìon.
3Airson fàile cùbhraidh is math d’ola‑ungaidh‐sa#Gnà 27:9: is ola‑ungaidh air a dòrtadh d’ainm#Salm 45:17; 119:55; uime sin ghràdhaich na h‑òighean thu.
4Tarraing mi#Eòin 6:44. Ad dhèidh ruithidh sinn. Da sheòmraichean threòraich an Rìgh mi#Eph 2:6. Nì sinn luathghaire agus bidh aoibhneas oirnn annadsa: cuiridh sinn an cuimhne do ghràdh nas mò na fìon: ghràdhaich na fìreanan#1:4 no, ghràdhaich iad thu gu fìrinneach; no, gu treibhdhireach. thu.
5Dubh tha mi, ach sgiamhach, O a nigheanan Ierusaleim, mar bhùthan Chedair, mar chùirteanan rìomhach Sholaimh.
6Na biodh umhail agaibh ged tha mi dorcha, a chionn gun d’amhairc a’ ghrian orm: bha mic mo mhàthar am feirg rium#Mat 10:22, 25; rinn iad coimheadaiche nam fìonlios dhìom: am fìonlios a bu leam fhèin cha do choimhead mi.
7Innis dhomh, O thusa da bheil gràdh aig m’anam, càit an ionaltair thu do threudan#Salm 23:2, 3, càit an toir thu orra laighe sìos mu mheadhon‐là; oir carson a bhithinn mar aon air faondradh am measg treudan do chompanach?
8Mura bheil fhios agad, O thusa as àillidh am measg bhan, imich a‑mach air luirg an treud#Eabh 6:12, agus ionaltair do mhinn làimh ri bùthan nan aodhairean.
9Ri eich ann an carbadan Phàraoh samhlaicheam thu#2 Each 1:16, 17, a bhean mo ghaoil.
10Is àillidh do ghruaidhean le sreathan sheud#Esec 16:11‐13; 1 Pead 3:3, 4, do mhuineal le slabhraidhean.
11Sreathan òir nì sinn dhut, le ballachan airgid.
12Am feadh a tha an Rìgh aig a fhleadh tha mo spiocnard a’ sgaoileadh a fhàile cùbhraidh.
13Is ceanglachan mirr mo ghràdh dhòmhsa; eadar mo chìochan laighidh e rè na h‑oidhche.
14Tha mo ghràdh dhòmhsa mar bhasgaid den chrann‐champhir ann am fìonliosan En‑gedi.
15Feuch, tha thu àillidh, a bhean mo ghaoil; feuch, tha thu àillidh; tha sùilean chalaman agad.
16Feuch, tha thu àillidh, fhir mo ghràidh, agus taitneach, agus tha ar n‑uirigh uaine.
17Is croinn sheudair sailthean ar taighe, croinn‐ghiuthais ar ceann‐fhiodh.
Currently Selected:
Dàn Sholaimh 1: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017