YouVersion Logo
Search Icon

Eclesiastes 12

12
1 Is còir do gach duine a Chruithear a chuimhneachadh ann an làithean òige. 8 Theagaisg an Searmonaiche eòlas don t‑sluagh. 13 Is e eagal Dhè agus àitheantan‐san a ghleidheadh, co‑dhùnadh na cùise uile.
1Cuimhnich a‑nis do Chruithear#Isa 26:8 ann an làithean d’òige, mun tig na droch làithean, agus an druid na bliadhnachan riut, anns an abair thu, Chan eil tlachd agam annta#2 Sam 19:35:
2Mun dorchaichear a’ ghrian, agus an solas, agus a’ ghealach, agus na reultan, agus an till na neòil an dèidh an uisge:
3Anns an là anns an criothnaich luchd‐gleidhidh an taighe, agus an crom na daoine làidir iad fhèin, agus an sguir an luchd‐bleith, a chionn gu bheil iad tearc, agus an dorchaichear an dream a sheallas a‑mach air na h‑uinneagan;
4Agus an dùinear na dorsan anns na sràidean, nuair a bhios fuaim na bleith ìosal, agus a dh’èireas e suas aig guth an eòin, agus a dh’ìslichear uile nigheanan a’ chiùil;
5Mar an ceudna, nuair a bhios eagal orra ro nì àrd, agus a bhios uamhasan anns an t‑slighe, agus a bhios a’ chraobh‐almoin fo bhlàth, agus a bhios an leumnach uaine na eallaich, agus a theirgeas miann; a chionn gu bheil an duine a’ triall da chòmhnaidh bhuan, agus gu bheil an luchd‐cumhaidh a’ dol mun cuairt anns na sràidean;
6Mum fuasglar an còrd airgid, agus am bruthar an cupan òir, agus am brisear a’ chuinneag aig an tobar, agus am brisear an roth aig an t‑soitheach‐chumail.
7An sin tillidh an duslach a‑chum na talmhainn mar a bha e#Gen 3:19; Salm 146:4; agus tillidh an spiorad a‑chum Dhè, a thug uaithe e#Isa 57:16.
8Dìomhanas nan dìomhanas! arsa an Searmonaiche: is dìomhanas na h‑uile nithean.
9Agus os bàrr, do bhrìgh gu robh an Searmonaiche glic, theagaisg e an còmhnaidh eòlas don t‑sluagh; agus thug e deagh aire, agus shir e a‑mach, agus dheasaich e mòran ghnàth‐fhacal.
10Dh’iarr an Searmonaiche briathran taitneach fhaotainn: agus bha an nì a sgrìobhadh ceart, briathran na fìrinn.
11Tha briathran nan daoine glice mar bhioran, agus mar thàirngean air an sparradh le uachdarain choitheanal, a thugadh le aon aodhaire.
12Agus tuilleadh, leo seo, a mhic, gabh rabhadh: air mòran leabhraichean a dhèanamh chan eil crìoch; agus tha mòran leughaidh na sgìos don fheòil.
13Cluinneamaid brìgh na chaidh a ràdh uile: Biodh eagal Dhè ort#Deut 10:12, agus glèidh a àitheantan; oir is e seo dleasdanas iomlan an duine.
14Oir bheir Dia gach obair a‑chum breitheanais#Gnìo 17:31; 2 Cor 5:10, maille ris gach nì diamhair, mas math no mas olc e.

Currently Selected:

Eclesiastes 12: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in