YouVersion Logo
Search Icon

Ròmanach 4

4
1 Mheasadh creidimh Abrahàm dha mar fhìreantachd, 10 mun do thimcheall‐ghearradh e. 13 Tre chreidimh a‑mhàin shealbhaich e fhèin agus a shliochd an gealladh. 16 Is e Abrahàm athair nan uile dhaoine e tha a’ creidsinn. 24 Bithidh ar creidimh‐ne mar an ceudna air a mheas dhuinn mar fhìreantachd.
1Ciod, matà, a their sinn a fhuair ar n‑athair#Mat 3:9 Abrahàm a rèir na feòla?
2Oir ma dh’fhìreanaicheadh Abrahàm le obraichean, tha adhbhar uaill aige, ach chan ann a‑thaobh Dhè.
3Oir ciod a tha an sgriobtar ag ràdh? Chreid Abrahàm Dia, agus mheasadh sin dha mar#4:3 no, a‑chum. fhìreantachd#Gen 15:6.
4A‑nis don tì a nì obair chan ann mar ghean‐math a mheasar an tuarasdal#Ròm 11:6, ach mar fhiachan.
5Ach don tì nach dèan obair, ach a tha a’ creidsinn anns an tì a dh’fhìreanaicheas an duine mì‑dhiadhaidh, measar a chreideamh mar fhìreantachd#Hab 2:4.
6Amhail mar a tha Daibhidh a’ cur an cèill beannachadh an duine sin dom meas Dia fìreantachd as eugmhais obrach, ag ràdh,
7Is beannaichte iadsan a fhuair maitheanas nan euceartan#Salm 32:1, 2, agus aig a bheil am peacaidhean air am falach.
8Is beannaichte an tì nach cuir an Tighearna peacadh as a leth.
9A bheil, matà, am beannachadh seo a’ teachd air an timcheall‐ghearradh a‑mhàin, no mar an ceudna air an neo‐thimcheall‐ghearradh? Oir tha sinn ag ràdh gun do mheasadh creideamh do Abrahàm mar fhìreantachd.
10Cionnas, matà, a mheasadh dha e? An ann an uair a bha e anns an timcheall‐ghearradh, no anns an neo‐thimcheall‐ghearradh? Chan ann anns an timcheall‐ghearradh, ach anns an neo‐thimcheall‐ghearradh.
11Agus fhuair e comharradh an timcheall‐ghearraidh#Gen 17:10, 11, seula fìreantachd a’ chreidimh a bha aige anns an neo‐thimcheall‐ghearradh, a‑chum gum biodh e na athair acasan uile anns an neo‐thimcheall‐ghearradh#Lùc 19:9; Eòin 8:33, etc.; Gal 3:7, 29 a tha a’ creidsinn, a‑chum gum biodh fìreantachd air a meas dhaibhsan mar an ceudna:
12Agus na athair an timcheall‐ghearraidh dhaibhsan nach eil a‑mhàin den timcheall‐ghearradh, ach mar an ceudna a tha ag imeachd ann an ceuman creideamh ar n‑athar Abrahàm, a bha aige anns an neo‐thimcheall‐ghearradh.
13Oir cha b’ann tre an lagh a thugadh an gealladh do Abrahàm no da shìol, gum biodh e na oighre air an t‑saoghal#Gen 17:4, ach tre fhìreantachd a’ chreidimh.
14Oir ma tha iadsan a bhuineas don lagh nan oighreachan#Gal 3:18, tha creideamh air a dhèanamh dìomhain, agus an gealladh gun bhrìgh:
15A chionn gu bheil an lagh ag obrachadh feirge#Ròm 5:20: oir far nach eil lagh, chan eil an sin briseadh lagha#Ròm 5:13.
16Uime sin is ann o chreideamh a tha an oighreachd, ionnas gum biodh i tre ghràs: a‑chum gum biodh an gealladh daingeann don t‑sìol uile, chan ann a‑mhàin dhaibhsan a bhuineas don lagh, ach mar an ceudna dhaibhsan a bhuineas do chreideamh Abrahàim, neach as e ar n‑athair‐ne uile,
17(A rèir mar a tha e sgrìobhte, Dh’òrdaich mi thu ad athair mòran chinneach#Gen 17:5), na làthair‐san anns an do chreid e, eadhon Dia, a tha a’ beothachadh nam marbh#Eph 2:1‐5, agus a tha a’ gairm nan nithean sin nach eil idir ann mar gum biodh iad ann#1 Cor 1:28; 1 Pead 2:10:
18Neach an aghaidh dòchais a chreid ann an dòchas, a‑chum gum biodh e na athair mòran chinneach; a rèir mar a thubhairteadh, Mar seo bidh do shliochd#Gen 15:5.
19Agus air dha gun a bhith anfhann ann an creideamh, cha do chuir e an suim gu robh a chorp fhèin a‑nis marbh, air dha a bhith timcheall ceud bliadhna a dh’aois, no mairbhe brù Shàra#Eabh 11:11:
20Agus cha do chuir e an amharas gealladh Dhè le mì‑chreideamh; ach bha e làidir ann an creideamh, a’ toirt glòire do Dhia:
21Agus bha làn‐chinnt aige, an tì a thug an gealladh, gur comasach e air a choileanadh#Gen 18:14; Lùc 1:37, 45; Eabh 11:19.
22Agus uime sin mheasadh seo dha mar fhìreantachd.
23A‑nis cha b’ann air a shon‐san a‑mhàin#Ròm 15:4; 1 Cor 10:11 a sgrìobhadh, gun do mheasadh seo dha;
24Ach air ar son‐ne mar an ceudna dom measar e, ma chreideas sinn annsan a thog suas Iosa ar Tighearna o na mairbh#Marc 16:16; Eòin 3:14‐16,
25A thugadh thairis airson ar cionta#Isa 53:5, 6; 2 Cor 5:21; Eabh 9:28, agus a thogadh suas a‑rìs airson ar fìreanachaidh#1 Cor 15:17; 1 Pead 1:21.

Currently Selected:

Ròmanach 4: ABIG

Highlight

Share

Compare

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in