YouVersion Logo
Search Icon

Ròmanach 5

5
1 Air dhuinn a bhith air ar saoradh o chionta peacaidh tre chreidimh, tha sìth againn ri Dia, agus gàirdeachas ann an dòchas: 8 do bhrìgh gun d’fhuair sinn rèite tre fhuil Chrìosd, an uair bu naimhdean sinn, is mò gu mòr na sin a shaorar sinn a‑nis air dhuinn an rèite fhaotainn.
1Uime sin air dhuinn a bhith air ar fìreanachadh tre chreideamh, tha sìth againn ri Dia#Isa 32:17; Eph 2:14, tre an Tighearna Iosa Crìosd:
2Tre a bheil againn mar an ceudna slighe gu dol a‑steach tre chreideamh a‑chum a’ ghràis seo anns a bheil sinn nar seasamh#Eòin 14:6, agus tha sinn a’ dèanamh gàirdeachais ann an dòchas glòir Dhè#Eabh 3:6.
3Agus chan e seo a‑mhàin, ach tha sinn mar an ceudna a’ dèanamh uaill ann an trioblaidean#Mat 5:11, 12; Seum 1:2, 12, do bhrìgh gu bheil fhios againn gun obraich trioblaid foighidinn;
4Agus foighidinn, dearbhadh; agus dearbhadh, dòchas:
5Agus cha nàraich an dòchas#Philip 1:20, do bhrìgh gu bheil gràdh Dhè air a dhòrtadh a‑mach nar cridheachan, tre an Spiorad Naomh a thugadh dhuinn#Eph 1:13, 14; Gal 4:6.
6Oir air dhuinn a bhith fhathast gun neart, ann an àm iomchaidh#Gal 4:4 bhàsaich Crìosd airson nan daoine neo‐dhiadhaidh.
7Oir is gann a dh’fhuilingeas duine bàs airson duine chothromaich; ach theagamh gum biodh aig neach‐eigin de mhisnich eadhon bàs fhulang airson duine mhaith.
8Ach tha Dia a’ moladh a ghràidh fhèin dhuinne, do bhrìgh nuair a bha sinn fhathast nar peacaich#Eòin 15:13; 1 Pead 3:18; 1 Eòin 3:16 gun d’fhuiling Crìosd bàs air ar son.
9Is mò gu mòr uime sin, air dhuinn a‑nis a bhith air ar fìreanachadh tre a fhuil#Eabh 9:14, 22, a shaorar trìdsan o fheirg sinn#1 Tes 1:10.
10Oir mas e air dhuinn a bhith nar naimhdean, gun do rinneadh rèidh ri Dia sinn tre bhàs a Mhic#2 Cor 5:18, 19, is mò gu mòr, air dhuinn a bhith air ar dèanamh rèidh, a shaorar tre a bheatha sinn#Eòin 14:19; Eabh 7:25.
11Agus chan e a‑mhàin sin, ach tha sinn a’ dèanamh gàirdeachais ann an Dia#Isa 61:10; Hab 3:18, tre ar Tighearna Iosa Crìosd, tre an d’fhuair sinn a‑nis an rèite.
12Uime sin mar a thàinig peacadh a‑steach don t‑saoghal tre aon duine#Gen 3:6, 10, agus bàs tre an pheacadh; mar sin mar an ceudna thàinig bàs air na h‑uile dhaoine, do bhrìgh gun do pheacaich iad uile.
13Oir gus an lagh, bha peacadh anns an t‑saoghal: ach cha chuirear peacadh as leth dhaoine far nach eil lagh#Ròm 4:15; 1 Eòin 3:4.
14Gidheadh, rìoghaich am bàs#Eabh 9:27 o Adhamh gu Maois, eadhon thar an dream nach do pheacaich a rèir coslas eas‐ùmhlachd Adhaimh, neach as e samhladh an tì ud a bha ri teachd#1 Cor 15:22, 45:
15Ach chan ann mar an cionta a tha an saor‐thìodhlac. Oir ma fhuair mòran bàs tre chionta aoin, is mò gu mòr na sin a tha gràs Dhè#Eph 2:8, agus an tìodhlac tro ghràs a tha tre aon duine, Iosa Crìosd, pailt do mhòran#Isa 53:11; Mat 20:28; 1 Eòin 2:2.
16Agus chan ann mar tre aon duine a pheacaich, mar sin a tha an tabhartas: oir bha am breitheanas tre aon chionta, a‑chum dìtidh: ach tha an saor‐thabhartas o mhòran euceartan#Isa 1:18 a‑chum fìreanachaidh.
17Oir mas e is tre chionta aon duine, gun do rìoghaich am bàs tre aon, is mò gu mòr na sin a rìoghaicheas iadsan, a gheibh pailteas gràis#Eòin 10:10, agus tabhartas na fìreantachd#Ròm 6:23; Tais 5:9, 10, ann am beatha tre aon, eadhon Iosa Crìosd.
18Uime sin mar tre chionta aon duine a thàinig breitheanas air na h‑uile dhaoine a‑chum dìtidh, is amhail sin mar an ceudna tre fhìreantachd aoin a thàinig an saor‐thìodhlac air na h‑uile dhaoine a‑chum fìreanachadh na beatha#Eòin 12:32; 1 Tim 2:4‐6.
19Oir mar tre eas‐ùmhlachd aon duine a rinneadh mòran nam peacaich, is amhail sin tre ùmhlachd aon duine a nìthear mòran nam fìreanan.
20Ach thàinig an lagh a‑steach, a‑chum gum meudaichte an cionta#Ròm 7:8‐13; Eòin 15:22; Gal 3:19: ach far an do mheudaicheadh am peacadh, bu ro‑mhò a mheudaicheadh gràs#Eòin 10:10; 1 Tim 1:14:
21A‑chum is mar a rìoghaich am peacadh a‑chum bàis, mar sin gun rìoghaicheadh gràs tre fhìreantachd#Eòin 1:17 a‑chum na beatha maireannaich tre Iosa Crìosd an Tighearna.

Currently Selected:

Ròmanach 5: ABIG

Highlight

Share

Compare

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in