YouVersion Logo
Search Icon

Ròmanach 3

3
1 Sochair nan Iùdhach; 3 nach do chaill iad: 9 gidheadh dh’fhàg an lagh shìos iad mar an ceudna a‑thaobh peacaidh. 20 Uime sin chan eil feòil air bith air a’ saoradh tren lagh, 28 ach tha na h‑uile air an saoradh tre chreidimh a‑mhàin.
1Ciod e uime sin barrachd an Iùdhaich? No ciod e tairbhe an timcheall‐ghearraidh?
2Is mòr sin air gach dòigh: air tùs#3:2 gu h‑àraidh., do bhrìgh gur ann riùsan a dh’earbadh briathran Dhè#Deut 4:7, 8.
3Oir ciod e sin ged nach do chreid cuid#Ròm 10:16; Eabh 4:2? An dèan am mì‑chreideamh‐san fìrinn Dhè gun èifeachd?
4Nar leigeadh Dia: ach biodh Dia fìor, agus gach duine na bhreugaire; a rèir mar a tha e sgrìobhte, A‑chum gum bi thu ceart ann ad bhriathran, agus gun toir thu buaidh nuair a bheirear breith ort#Salm 51:4.
5Ach ma mholas ar n‑eucoir‐ne fìreantachd Dhè, ciod a their sinn? A bheil Dia eucorach a tha a’ dèanamh dìoghaltais (tha mi a’ labhairt mar dhuine)?
6Nar leigeadh Dia: no cionnas a bheir Dia breith air an t‑saoghal#Gen 18:25; Iob 8:3?
7Oir ma tha fìrinn Dhè tre mo bhrèig‐sa air a meudachadh a‑chum a ghlòire‐san, carson a tha mise air mo dhìteadh mar pheacach?
8Agus carson nach dèan sinn olc, a‑chum gun tig math as#Ròm 6:1, 15? (mar a labhrar gu toibheumach umainn, agus mar a thubhairt cuid gu bheil sinn ag ràdh), muinntir dom bheil an dìteadh a rèir ceartais.
9Ciod uime sin? A bheil barrachd againne? Chan eil air aon chor: oir dhearbh sinn roimhe gu bheil araon na h‑Iùdhaich agus na Cinnich uile fo pheacadh;
10Mar a tha e sgrìobhte, Chan eil ionracan ann, chan eil fiù a h‑aon#Salm 14:1‐3:
11Chan eil neach ann a thuigeas, chan eil neach ann a tha ag iarraidh Dhè.
12Chlaon iad uile as an t‑slighe, tha iad uile mì‑thairbheach; chan eil neach a tha a’ dèanamh maith, chan eil fiù a h‑aon.
13Is uaigh fhosgailte an sgòrnan; labhair iad cealg len teangaidhean#Salm 5:9; tha nimh nan nathraichean nimhe fo am bilean#Salm 140:3:
14Aig a bheil am beul làn de mhallachadh agus de sheirbhe:
15Tha an casan luath a dhòrtadh fala:
16Tha lèirsgrios agus truaighe nan slighean:
17Agus slighe na sìthe cha b’aithne dhaibh#Isa 59:7, 8:
18Chan eil eagal Dhè fa chomhair an sùl#Salm 36:1.
19A‑nis tha fhios againn ge bè nithean a tha an lagh a’ labhairt, gur ann riùsan a tha fon lagh a tha e gan labhairt: a‑chum gun druidear gach uile bheul, agus gum bi an saoghal uile air fhaotainn ciontach am fianais Dhè.
20Uime sin cha bhi feòil air bith air a fìreanachadh na fhianais‐san, tre obraichean an lagha#Salm 143:2: oir is ann tre an lagh a tha eòlas peacaidh#Ròm 7:7‐9.
21Ach a‑nis tha fìreantachd Dhè air a foillseachadh as eugmhais an lagha, a’ faotainn fianais on lagh agus o na fàidhean#Gnìo 10:34, 35;
22Eadhon fìreantachd Dhè tre chreideamh Iosa Crìosd#Ròm 5:1, etc., do na h‑uile, agus air na h‑uile a chreideas; oir chan eil eadar‐dhealachadh ann:
23Oir pheacaich na h‑uile#Ecl 7:20, agus tha iad air teachd geàrr air glòir Dhè:
24Air dhaibh a bhith air am fìreanachadh gu saor le a ghràs, tre an t‑saorsa a tha ann an Iosa Crìosd;
25Neach a shònraich Dia na ìobairt‐rèitich#1 Eòin 2:2, tre chreideamh na fhuil, a‑chum a fhìreantachd#3:25 no, a cheartais. fhoillseachadh le maitheanas#3:25 ann an gabhail thairis air peacaidhean nan àm a chaidh seachad. nam peacaidhean a chaidh seachad#Gnìo 17:30, tre fhad‐fhulangas Dhè;
26A dh’fhoillseachadh, tha mi ag ràdh, a fhìreantachd‐san anns an àm a tha an làthair; a‑chum gum biodh e cothromach#Gnìo 13:38, 39, agus gum fìreanaicheadh e an tì a chreideas ann an Iosa.
27Càit uime sin a bheil uaill? Dhruideadh a‑mach i. Ciod e an lagh leis an do dhruideadh a‑mach i? An ann tre lagh nan obraichean? Chan ann; ach tre lagh a’ chreidimh.
28Tha sinn uime sin a’ meas gu bheil duine air fhìreanachadh tre chreideamh as eugmhais obraichean an lagha#Ròm 8:3; Gal 2:16.
29An e Dia nan Iùdhach a‑mhàin e? Nach e mar an ceudna Dia nan Cinneach? Gu deimhinn nan Cinneach mar an ceudna:
30Do bhrìgh gur aon Dia, a dh’fhìreanaicheas an timcheall‐ghearradh o chreideamh agus an neo‐thimcheall‐ghearradh tre chreideamh.
31A bheil sinn uime sin a’ cur an lagha ann an neo‐bhrìgh tre an chreideamh? Nar leigeadh Dia#Eabh 10:15, 16: ach tha sinn a’ daingneachadh an lagha.

Currently Selected:

Ròmanach 3: ABIG

Highlight

Share

Compare

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in