YouVersion Logo
Search Icon

Ròmanach 2

2
1 Iadsan a tha a’ peacachadh, ged a tha iad a’ cronachadh seo ann an daoine eile, chan urrainn iad an leithsgeul fhèin a ghabhail, 6 agus is lugha gu mòr na sin a dh’fheudas iad dol as o cheart‐bhreitheanas Dhè, mas Iùdhaich no Cinnich iad.
1Uime sin tha thu gun leisgeul, O dhuine, cò air bith thu a tha a’ toirt breith: oir nuair a tha thu a’ toirt breith air neach eile#2 Sam 12:6, 7; Eòin 8:9, tha thu gad dhìteadh fhèin; oir thusa a tha a’ toirt breith, tha thu a’ dèanamh nan nithean sin fhèin.
2Ach tha fhios againne gu bheil breitheanas Dhè a rèir fìrinn, an aghaidh na muinntir a tha a’ dèanamh an leithidean sin.
3Agus an saoil thusa seo, O dhuine, a tha a’ toirt breith orrasan a nì an leithidean sin, agus a tha gan dèanamh thu fhèin, gun tèid thu as o bhreitheanas Dhè?
4No an dèan thu tarcais air saoibhreas a mhaitheis#Ròm 9:23, agus a fhoighidinn#Isa 63:7, etc., agus a fhad‐fhulangais#Ion 4:2, gun fhios a bhith agad gu bheil maitheas Dhè gad threòrachadh a‑chum aithreachais#Isa 30:18; 2 Pead 3:9, 15?
5Ach a rèir do chruais agus do chridhe neo‐aithreachail, tha thu a’ càrnadh#2:5 tasgadh. suas#Deut 32:34; Seum 5:3 feirge dhut fhèin fa chomhair là na feirge, agus foillseachadh ceart‐bhreitheanas Dhè#Ecl 12:14;
6A bheir do gach aon a rèir a ghnìomharan#Gnà 24:12; Ier 17:10; Mat 16:27; Gal 6:7, 8; Tais 20:12;
7Dhaibhsan a tha le buanachadh gu foighidinneach ann an deagh obair, ag iarraidh glòire, agus urraim, agus neo‐bhàsmhorachd, a’ bheatha mhaireannach:
8Ach dhaibhsan a tha connspoideach, agus nach eil umhail don fhìrinn#2 Tes 1:8, ach a tha umhail don eucoir, diomb agus fearg;
9Amhghar agus teanntachd air gach anam duine a tha a’ dèanamh uilc, don Iùdhach air tùs, agus mar an ceudna don Ghreugach;
10Ach glòir#1 Pead 1:7, agus urram, agus sìth, do gach duine a nì math, don Iùdhach air tùs, agus don Ghreugach mar an ceudna:
11Oir chan eil spèis aig Dia de phearsa seach a chèile#Deut 10:17; 2 Each 19:7; 1 Pead 1:17.
12Oir a mheud is a pheacaich gun an lagh, sgriosar iad gun an lagh; agus a mheud is a pheacaich fon lagh, dìtear iad leis an lagh:
13(Oir chan iad luchd‐èisdeachd an lagha#Seum 1:22‐25 a tha nam fìreanan am fianais Dhè, ach bidh luchd‐dèanamh an lagha air am fìreanachadh.
14Oir nuair a tha na Cinnich aig nach eil lagh, a‑thaobh nàdair a’ dèanamh nan nithean a tha anns an lagh, air dhaibhsan a bhith gun lagh tha iad nan lagh dhaibh fhèin#1 Cor 11:14:
15Muinntir a tha a’ nochdadh obair an lagha sgrìobhte nan cridheachan, air a bhith dan cogais a’ dèanamh fianais leo, agus an smuaintean eatorra fhèin gan agairt, no a’ gabhail an leisgeil:)
16Anns an là anns an toir Dia breith air nithean uaigneach dhaoine#Lùc 8:17, a rèir mo shoisgeil‐sa, tre Iosa Crìosd#Ròm 16:25.
17Feuch, goirear Iùdhach dhìotsa#Ròm 2:28, agus tha thu a’ cur dòigh anns an lagh, agus a’ dèanamh uaill à Dia,
18Agus is aithne dhut a thoil#Salm 147:19, 20, agus tha thu a’ dearbhadh nan nithean as fheàrr#Philip 1:10, air dhut a bhith air do theagasg as an lagh;
19Agus tha thu earbsach gur ceann‐iùil thu fhèin do na doill, solas dhaibhsan a tha an dorchadas,
20Fear‐fòghlaim do dhaoine neo‐eagnaidh, fear‐teagaisg do leanaban, aig a bheil samhladh an eòlais agus na fìrinn a tha anns an lagh#2 Tim 1:13; 3:5.
21Thusa uime sin a tha a’ teagasg neach eile#Mat 23:3, etc., nach eil thu gad theagasg fhèin? Thusa a tha a’ searmonachadh gun ghoid a dhèanamh, a bheil thu ri goid?
22Thusa a tha ag ràdh gun adhaltranas a dhèanamh, a bheil thu a’ dèanamh adhaltranais? Thusa len gràin iodhalan, a bheil thu ri naomh‐ghoid?
23Thusa a tha a’ dèanamh uaill as an lagh, an tabhair thu, le briseadh an lagha, eas‐urram do Dhia?
24Oir tha ainm Dhè a’ faotainn toibheim, dur taobh‐se am measg nan Cinneach, mar a tha e sgrìobhte#Esec 36:20, 23.
25Oir tha tairbhe gu fìrinneach anns an timcheall‐ghearradh, ma ghleidheas tu an lagh: ach mas fear‐brisidh an lagha thu#Gal 5:3, tha do thimcheall‐ghearradh na neo‐thimcheall‐ghearradh dhut.
26Uime sin, ma ghleidheas an neo‐thimcheall‐ghearradh fìreantachd an lagha#Gnìo 10:34, 35, nach measar a neo‐thimcheall‐ghearradh‐san mar thimcheall‐ghearradh?
27Agus nach dìt#Mat 12:41, 42 an neo‐thimcheall‐ghearradh a‑thaobh nàdair, a tha a’ coileanadh an lagha, thusa a tha tre an litir agus tre an timcheall‐ghearradh ad fhear‐brisidh an lagha?
28Oir chan Iùdhach esan, a tha mar sin on leth a‑muigh#Mat 3:9; Eòin 8:39; Gal 6:15; Tais 2:9; agus chan e sin an timcheall‐ghearradh, a tha gu follaiseach anns an fheòil:
29Ach is Iùdhach esan, a tha mar sin anns an taobh a‑staigh; agus is e sin an timcheall‐ghearradh a tha anns a’ chridhe#Deut 10:16; 30:6; Ier 4:4; Philip 3:3; Col 2:11, agus anns an spiorad, chan ann anns an litir, aig a bheil a chliù chan ann o dhaoine#2 Cor 10:18, ach o Dhia.

Currently Selected:

Ròmanach 2: ABIG

Highlight

Share

Compare

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in