Ròmanach 16
16
1 Thug Pòl òrdagh do na bràithrean fàilte a chur air mòran; 17 agus chomhairlich e dhaibh aire a thoirt don mhuinntir a tha a’ togail connsachaidh agus a’ toirt oilbheim; 21 agus an dèidh iomadh beannachd chrìochnaich e le breith‐buidheachais do Dhia.
1Tha mi ag earbsa ribh Phebe ar piuthar, a tha na searbhanta don eaglais a tha ann an Cenchrèa#Gnìo 18:18:
2A‑chum gun gabh sibh rithe anns an Tighearna#Philip 2:29, mar as cubhaidh do naoimh, agus gun dèan sibh còmhnadh rithe anns gach gnothach anns am bi feum aice oirbh: oir rinn i fhèin còmhnadh ri mòran, agus riumsa mar an ceudna.
3Cuiribh fàilte air Priscila#Gnìo 18:2, etc. agus Acuila, mo cho‐obraichean ann an Iosa Crìosd:
4(Muinntir a leig sìos am muineal fhèin airson m’anama‑sa: dom bheil a’ toirt buidheachais chan e a‑mhàin mise, ach mar an ceudna eaglaisean nan Cinneach uile.)
5Mar an ceudna cuiribh fàilte air an eaglais a tha nan taigh#1 Cor 16:19. Cuiribh fàilte air Epenetas as ionmhainn leamsa, neach as e ciad‐thoradh Achaia do Chrìosd.
6Cuiribh fàilte air Muire, a rinn saothair mhòr air ar son‐ne.
7Cuiribh fàilte air Andronicus agus Iunias, mo luchd‐dàimh agus mo cho‐phrìosanaich, a tha cliùiteach am measg nan abstol, agus a bha ann an Crìosd romhamsa#Gal 1:22.
8Cuiribh fàilte air Amplias as ionmhainn leamsa anns an Tighearna.
9Cuiribh fàilte air Urbanus ar co‑obraiche ann an Crìosd, agus air Stachis, fear mo ghràidh‐sa.
10Cuiribh fàilte air Apelles a tha dearbhte ann an Crìosd. Cuiribh fàilte orrasan a tha de theaghlach Aristobuluis.
11Cuiribh fàilte air Herodion mo charaid. Cuiribh fàilte orrasan de theaghlach Narcisuis, a tha anns an Tighearna.
12Cuiribh fàilte air Triphena agus Triphòsa, mnathan a tha a’ saothrachadh anns an Tighearna. Cuiribh fàilte air Persis as ionmhainn leam, bean a shaothraich gu mòr anns an Tighearna.
13Cuiribh fàilte air Rufus#Marc 15:21 a tha taghte anns an Tighearna, agus air a mhàthair agus mo mhàthair‐sa.
14Cuiribh fàilte air Asincritus, Phlegon, Hermas, Patrobas, Hermes, agus air na bràithrean a tha maille riu.
15Cuiribh fàilte air Philologus, agus Iulia, air Nereus, agus a phiuthar, agus Olimpas, agus na naoimh uile a tha maille riu.
16Cuiribh fàilte air a chèile le pòig naoimh#1 Cor 16:20. Tha eaglaisean Chrìosd a’ cur fàilte oirbh.
17A‑nis guidheam oirbh, a bhràithrean, comharraichibh iadsan a tha a’ togail roinnean#1 Tim 6:3‐5 agus a’ toirt oilbheim, an aghaidh an teagaisg a dh’fhòghlaim sibh; agus seachnaibh iad#Mat 18:17; 1 Cor 5:11; 2 Tes 3:6, 14.
18Oir chan eil an leithidean seo a’ dèanamh seirbhis dur Tighearna Iosa Crìosd, ach dam broinn fhèin; agus tha iad le briathran milis#Col 2:4; 2 Pead 2:3 agus le miodal a’ mealladh cridheachan na muinntir sin a tha neo‐lochdach.
19Oir tha ur n‑ùmhlachd‐se air teachd a‑chum nan uile dhaoine#Ròm 1:8. Uime sin tha mise a’ dèanamh gàirdeachais dur taobh‐se: gidheadh b’àill leam sibhse a bhith glic a‑chum a’ mhaith#Mat 10:16, ach aon‐fhillte a‑thaobh an uilc.
20Agus bruthaidh Dia na sìthe#Ròm 15:33 Sàtan fo ur casan#Gen 3:15; Tais 12:10 gu h‑aithghearr. Gràs ar Tighearna Iosa Crìosd#1 Cor 16:23, etc. gu robh maille ribh. Amen.
21Tha Timòteus mo cho‐obraiche a’ cur fàilte oirbh, agus Lucius agus Iàson agus Sosipater, mo luchd‐dàimhe.
22Tha mise Tertius, a sgrìobh an litir seo, a’ cur fàilte oirbh anns an Tighearna.
23Tha Gaius#1 Cor 1:14; 3 Eòin 1, a tha a’ toirt aoigheachd dhòmhsa agus don eaglais uile, a’ cur fàilte oirbh. Tha Erastus#Gnìo 19:22, stiùbhard a’ bhaile, a’ cur fàilte oirbh, agus Cuartus, bràthair.
24Gràs ar Tighearna Iosa Crìosd gu robh maille ribh uile. Amen.
25A‑nis dhàsan a tha comasach#Eph 3:20 air sibhse a dhaingneachadh a rèir mo shoisgeil‐sa agus searmonachadh Iosa Crìosd (a rèir foillseachadh a rùin‐diamhair#Eph 1:9; Col 1:26, 27, a bha am falach o thoiseach an domhain,
26Ach a dh’fhoillsicheadh a‑nis, agus tre sgriobtairean nam fàidhean, a rèir àithne an Dè bhithbhuain, a tha air a dhèanamh aithnichte do na h‑uile chinnich a‑chum ùmhlachd a’ chreidimh#Mat 28:19);
27Do Dhia a tha a‑mhàin glic#1 Tim 1:17, gu robh glòir tre Iosa Crìosd gu sìorraidh. Amen.
Currently Selected:
Ròmanach 16: ABIG
Highlight
Share
Compare
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017