Ròmanach 15
15
1 Is còir dhaibh‐san a tha làidir giùlan leòsan a tha anfhann. 2 Chan fhaod sinn sinn fhèin a thoileachadh, 3 oir cha d’rinn Crìosd sin, 7 ach gabhail ri chèile, mar a rinn Crìosd ruinn uile, 9 araon ris na h‑Iùdhaich agus ris na Cinnich.
1Uime sin is còir dhuinne a tha làidir giùlan le anfhainneachd na muinntir sin a tha lag#Ròm 14:1; Gal 6:2, agus gun sinn fhèin a thoileachadh.
2Toilicheadh gach aon againn a choimhearsnach gu a mhath a‑chum a thogail suas.
3Oir cha do thoilich eadhon Crìosd e fhèin#Eòin 6:38; ach a rèir mar a tha e sgrìobhte, Thuit toibheum na muinntir sin a thug toibheum dhut ormsa#Salm 69:9.
4Oir ge bè nithean air bith a sgrìobhadh roimhe seo, is ann a‑chum ar teagaisg‐ne a sgrìobhadh iad#1 Cor 10:11; 2 Tim 3:16, 17; a‑chum tre fhoighidinn agus chomhfhurtachd nan sgriobtar gum biodh dòchas againne.
5A‑nis gun tugadh Dia na foighidinn agus na comhfhurtachd dhuibhse a bhith a dh’aon inntinn a‑thaobh a chèile#1 Cor 1:10, a rèir Iosa Crìosd:
6A‑chum gun tugadh sibh a dh’aon inntinn#Gnìo 4:24, 32, agus le aon bheul, glòir do Dhia, eadhon Athair an Tighearna Iosa Crìosd.
7Uime sin gabhaibh‐se ri chèile, eadhon mar a ghabh Crìosd rinne#Eph 1:6, a‑chum glòir Dhè.
8A‑nis tha mi ag ràdh, gu robh Iosa Crìosd na mhinistear an timcheall‐ghearraidh airson fìrinn Dhè, a‑chum na geallaidhean a rinneadh do na h‑athraichean a dhaingneachadh#Gnìo 3:25, 26:
9Agus a‑chum gun tugadh na Cinnich glòir do Dhia airson a thròcair: a rèir mar a tha e sgrìobhte, Air an adhbhar seo aidichidh mi thu am measg nan Cinneach, agus seinnidh mi ceòl dod ainm#Salm 18:49.
10Agus a‑rìs tha e ag ràdh, Dèanaibh gàirdeachas, a Chinneacha, maille ri a phoball‐san#Deut 32:43.
11Agus a‑rìs, Molaibh an Tighearna, a Chinneacha uile#Salm 117:1, agus thugaibh cliù dha, a shlòigh uile.
12Agus a‑rìs tha Esaias ag ràdh, Bidh freumh Iese ann#Isa 11:1, 10, agus an tì a dh’èireas suas a‑chum uachdaranachd a bhith aige air na Cinnich, annsan cuiridh na Cinnich an dòchas.
13A‑nis gun lìonadh Dia an dòchais sibhse leis an uile aoibhneas agus shìth#Ròm 14:17 ann an creidsinn, a‑chum gum bi sibh pailt ann an dòchas, tre chumhachd an Spioraid Naoimh.
14Agus tha cinnt agamsa fhèin dur taobh‐se, mo bhràithrean#Eabh 6:9; 2 Pead 1:12, gu bheil sibh làn de mhaitheas, air ur lìonadh leis an uile eòlas#1 Cor 8:1, 7, 10, agus comasach mar an ceudna air a chèile a chomhairleachadh.
15Gidheadh, a bhràithrean, sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh leis an tuilleadh dànadais, an càil‐eigin, mar gun cuirinn an cuimhne sibh, airson a’ ghràis a thugadh dhòmhsa le Dia#Eph 3:7, 8,
16Ionnas gum bithinn am mhinistear aig Iosa Crìosd do na Cinnich, a’ frithealadh soisgeul Dhè#Isa 66:20, a‑chum gum biodh tabhartas nan Cinneach taitneach, air a naomhachadh leis an Spiorad Naomh.
17Uime sin tha adhbhar uaill agam tre Iosa Crìosd#2 Cor 12:1, etc., anns na nithean sin a bhuineas do Dhia#Eabh 5:1.
18Oir cha bhi dànachd agam labhairt air a’ bheag de na nithean sin, nach d’obraich Crìosd leam, a‑chum na Cinnich a dhèanamh umhail#Gal 2:8 ann am facal agus ann an gnìomh,
19Le cumhachd chomharraidhean agus mhìorbhailean#Gnìo 19:11, le cumhachd Spiorad Dhè; ionnas o Ierusalem agus mun cuairt gu Iliricum, gun do làn‐shearmonaich mi soisgeul Chrìosd#Ròm 1:14‐16.
20Seadh, mar sin bha ro‑dhèidh agam air an soisgeul a shearmonachadh, chan ann anns an ionad anns an robh Crìosd air ainmeachadh#2 Cor 10:13‐16, a‑chum nach togainn air bunait neach eile:
21Ach a rèir mar a tha e sgrìobhte, Chì iadsan ris nach do labhradh uime#Isa 52:15; agus tuigidh iadsan nach cuala.
22Uime sin mar an ceudna chuireadh gu minig bacadh orm o theachd dur n‑ionnsaigh‐se#1 Tes 2:18.
23Ach a‑nis do bhrìgh nach eil agam ionad nas mò anns na crìochan seo, agus gu bheil mòr‐thogradh agam o chionn mòran bhliadhnachan teachd dur n‑ionnsaigh‐se;
24Ge bè uair a thriallas mi don Spàin, thig mi dur n‑ionnsaigh; oir tha dùil agam sibhse fhaicinn anns an dol seachad, agus a bhith air mo thoirt air m’aghaidh leibh a‑chum an ionaid sin#Gnìo 15:3; 3 Eòin 6, ma bhios mi air tùs an càil‐eigin air mo lìonadh le ur co‑luadar‐se.
25Ach a‑nis tha mi a’ dol gu Ierusalem#Gnìo 19:21, a fhrithealadh do na naoimh.
26Oir bu toil leòsan ann am Macedònia#2 Cor 8:1; 9:2, 12, agus ann an Achaia, co‑roinn àraidh a dhèanamh ris na naoimh bhochda a tha ann an Ierusalem.
27Bu toil leo gu deimhinn, agus tha iad fo fhiachan dhaibh. Oir ma rinneadh na Cinnich nan luchd‐compàirt den nithean spioradail‐san, is còir dhaibh ministrealachd a dhèanamh dhaibhsan anns na nithean a bhuineas don cholainn#1 Cor 9:11.
28Uime sin air dhomh seo a chrìochnachadh, agus nuair a sheulaicheas mi an toradh seo dhaibh#Philip 4:17, gabhaidh mi an rathad agaibhse don Spàin.
29Agus tha fhios agam, air dhomh teachd dur n‑ionnsaigh#Ròm 1:11, 12, gun tig mi ann an lànachd beannachadh soisgeul Chrìosd.
30A‑nis guidheam oirbh, a bhràithrean, air sgàth an Tighearna Iosa Crìosd, agus air sgàth gràdh an Spioraid#Philip 2:1, gun dèan sibh gleac#Col 4:12 maille riumsa ann an ùrnaighean air mo shon ri Dia;
31A‑chum gun saorar mi uapasan nach eil a’ creidsinn ann an Iudèa#2 Tes 3:2; agus a‑chum gum bi mo sheirbhis airson Ierusaleim taitneach do na naoimh:
32A‑chum gun tig mi dur n‑ionnsaigh‐se le aoibhneas tre thoil Dhè, agus gum faigh mi suaimhneas maille ribh.
33A‑nis gu robh Dia na sìthe maille ribh uile#1 Cor 14:33; Eabh 13:20. Amen.
Currently Selected:
Ròmanach 15: ABIG
Highlight
Share
Compare
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017