A‑nis dhàsan a tha comasach air sibhse a dhaingneachadh a rèir mo shoisgeil‐sa agus searmonachadh Iosa Crìosd (a rèir foillseachadh a rùin‐diamhair, a bha am falach o thoiseach an domhain,
Ach a dh’fhoillsicheadh a‑nis, agus tre sgriobtairean nam fàidhean, a rèir àithne an Dè bhithbhuain, a tha air a dhèanamh aithnichte do na h‑uile chinnich a‑chum ùmhlachd a’ chreidimh);
Do Dhia a tha a‑mhàin glic, gu robh glòir tre Iosa Crìosd gu sìorraidh. Amen.