Ròmanach 14
14
1 Chan fhaod daoine tàir a dhèanamh air bràthair, no a dhìteadh airson nithean coingeis: 13 ach a bhith faicilleach, gun oilbheum a thoirt seachad; 15 oir dhearbh an t‑abstol gu bheil sin mì‑cheadaichte.
1Gabhaibh ris an neach a tha anfhann anns a’ chreideamh, ach chan ann a‑chum deasbaireachd amharasaich.
2Oir tha aon a’ creidsinn gum faod e na h‑uile nithean ithe: ach tha esan a tha anfhann ag ithe luibhean.
3Na dèanadh esan a tha ag ithe tàir airsan nach eil ag ithe; agus na tugadh esan nach eil ag ithe, breith air an tì a dh’itheas: oir ghabh Dia ris.
4Cò thusa a tha a’ toirt breith air seirbhiseach duine eile#Seum 4:12? Da mhaighistir fhèin seasaidh, no tuitidh e: seadh, cumar suas e; oir is comasach Dia air a chumail na sheasamh#Isa 40:29.
5Tha meas aig neach air là thar là#Col 2:16: agus tha meas aig neach eile air gach là mar a chèile. Biodh làn‐dearbhadh aig gach duine na inntinn fhèin.
6An tì aig a bheil suim den là, is ann don Tighearna a tha suim aige dheth; agus an tì aig nach eil suim den là, is ann don Tighearna nach eil suim aige dheth. An tì a tha ag ithe, is ann don Tighearna a tha e ag ithe, oir tha e a’ toirt buidheachais do Dhia; agus an tì nach eil ag ithe, is ann don Tighearna nach ith e, agus bheir e buidheachas do Dhia.
7Oir chan eil a h‑aon againn beò dha fhèin#1 Pead 4:2, agus chan eil a h‑aon againn a’ bàsachadh dha fhèin.
8Oir mas beò dhuinn, is ann don Tighearna a tha sinn beò: agus mas bàs dhuinn, is ann don Tighearna a tha sinn a’ bàsachadh: uime sin mas beatha no bàs dhuinn, is leis an Tighearna sinn.
9Oir is ann a‑chum seo a fhuair Crìosd bàs, agus a dh’èirich e#Philip 2:9‐11, agus a tha e beò a‑rìs, a‑chum gum biodh e na Thighearna air a’ bheò agus air a’ mharbh.
10Ach carson a tha thusa a’ toirt breith air do bhràthair? No carson a tha thusa a’ dèanamh tarcais air do bhràthair? Oir seasaidh sinn gu lèir am fianais cathair‐bhreitheanais Chrìosd.
11Oir tha e sgrìobhte, Mar as beò mise, tha an Tighearna ag ràdh, lùbaidh gach glùn dhòmhsa, agus aidichidh gach teanga do Dhia#Isa 45:23.
12Air an adhbhar sin bheir gach aon againn cunntas uime fhèin do Dhia#Mat 12:36.
13Uime sin na tugamaid breith air a chèile nas mò: ach gum b’fheàrr leibh a’ bhreith seo a thoirt, gun adhbhar tuiteim no oilbheim a thoirt do bhràthair.
14Oir tha fhios agam, agus is dearbh leam anns an Tighearna Iosa, nach eil nì sam bith neòghlan dheth fhèin: ach don tì a mheasas nì sam bith neòghlan, dhàsan tha e neòghlan.
15Ach ma bhios doilgheas air do bhràthair airson bìdh, a‑nis chan eil thu a’ gluasad a rèir a’ ghràidh. Na sgrios led bhiadh esan airson an d’fhuiling Crìosd bàs#1 Cor 8:11.
16Air an adhbhar sin na labhrar olc mu ur math.
17Oir cha bhiadh agus deoch rìoghachd Dhè#Mat 6:33; 1 Cor 8:8, ach fìreantachd, agus sìth, agus aoibhneas anns an Spiorad Naomh.
18Oir ge bè nì seirbhis do Chrìosd anns na nithean seo, tha e taitneach do Dhia, agus tha e dearbhte do dhaoine.
19Uime sin leanamaid na nithean a bhios a‑chum sìthe#Salm 34:14; Eabh 12:14 agus na nithean a bhios a‑chum togail suas a chèile#1 Cor 14:12.
20Na sgrios obair Dhè airson bìdh. Gu deimhinn tha na h‑uile nithean glan#Tìt 1:15; ach is olc don duine sin a dh’itheas le oilbheum#1 Cor 8:10‐13.
21Is math an nì gun fheòil ithe#Ròm 15:1, 2; 1 Cor 8:13, no fìon òl, no nì air bith a dhèanamh leis am faigh do bhràthair tuisleadh no oilbheum, no leis an dèanar lag e.
22A bheil creideamh agad? Biodh e agad dhut fhèin am fianais Dhè. Is beannaichte an duine sin nach dìt e fhèin anns an nì sin a mheasas e ceadaichte#1 Eòin 3:21.
23Ach esan a nì eadar‐dhealachadh tha e air a dhìteadh ma dh’itheas e#1 Cor 8:7, a chionn nach ann o chreideamh a tha e ag ithe: oir gach nì nach eil o chreideamh, is peacadh e.
Currently Selected:
Ròmanach 14: ABIG
Highlight
Share
Compare
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017