YouVersion Logo
Search Icon

Salm 150

150
Earail gu Dia a mholadh le innealan‐ciùil.
1Molaibh‐se an Tighearna#150:1 Haleluia.. Molaibh Dia na ionad naomh; molaibh e ann an speuran a chumhachd.
2Molaibh e airson a ghnìomharan treuna; molaibh e a rèir àird a mhòrachd.
3Molaibh e le fuaim trompaid#Àir 10:10; Salm 98:6; molaibh e le saltair agus le clàrsaich.
4Molaibh e le tiompan agus dannsa#150:4 no, le pìob.; molaibh e le innealan‐ciùil nan teud agus le organ.
5Molaibh e le ciombalan fonnmhor#1 Each 15:16, etc.; molaibh e le ciombalan àrd‐fhuaimneach.
6Moladh gach nì anns a bheil anail an Tighearna#Tais 5:13. Molaibh‐se an Tighearna.

Currently Selected:

Salm 150: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in