YouVersion Logo
Search Icon

Salm 149

149
1 Is airidh Dia air cliù airson a mhaitheis da shluagh, 6 agus airson a dhìoghaltais air na cinnich.
1Molaibh‐se an Tighearna#149:1 Haleluia.. Seinnibh don Tighearna òran nuadh, seinnibh a mholadh ann an coitheanal nan naomh.
2Biodh Israel aoibhneach na Chruithear#Salm 100:3; dèanadh clann Shioin gàirdeachas nan Rìgh#Sech 9:9; Mat 21:5.
3Moladh iad a ainm anns an dannsa; le tiompan agus le clàrsaich seinneadh iad dha.
4Oir gabhaidh an Tighearna tlachd na shluagh#Salm 147:11; nì e na daoine sèimhe sgiamhach le slàinte#Salm 132:16; Isa 61:1‐3, 10.
5Dèanadh na naoimh gàirdeachas ann an glòir; dèanadh iad iolach air an leapaichean.
6Biodh àrd‐chliù Dhè nam beul, agus claidheamh dà fhaobhair nan làimh#Neh 4:17, 18,
7A‑chum dìoghaltas a dhèanamh air na cinnich, smachdachadh goirt air na slòigh;
8A‑chum an rìghrean a cheangal le slabhraidhean, agus an àrd‐uaislean le geimhlean iarainn;
9A‑chum am breitheanas a tha sgrìobhte a chur an gnìomh orra; tha an t‑urram seo aig a naoimh uile. Molaibh‐se an Tighearna.

Currently Selected:

Salm 149: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in