YouVersion Logo
Search Icon

Gnàth‐fhacal 1

1
1 Feum agus luach a’ ghliocais. 7 Is e eagal an Tighearna tùs an eòlais. 20 Rinn gliocas gearan an aghaidh luchd‐fochaid, 24 agus bhagair i iad le lèir‐sgrìos.
1Gnàth‐fhacail Sholaimh#1 Rìgh 4:32; Ecl 12:9, mac Dhaibhidh, rìgh Israeil;
2A dh’aithneachadh gliocais agus teagaisg, a thuigsinn briathran na tuigse;
3A ghabhail teagasg a’ ghliocais#Gnà 2:1, 9, a’ cheartais, agus a’ bhreitheanais, agus na còrach;
4A thoirt gèire dhaibhsan a tha baoghalta#Gnà 9:4, etc., eòlais agus cèill don òganach#Salm 119:9.
5Eisdidh duine glic, agus meudaichidh e fòghlam; agus sealbhaichidh duine tuigseach comhairlean glice:
6A thuigsinn gnàth‐fhacail, agus eadar‐mhìneachaidh; faclan nan daoine glice, agus am briathran dorcha#Salm 49:4; 78:2.
7Is e eagal an Tighearna tùs an eòlais#Salm 111:10: air gliocas agus teagasg nì amadain tàir.
8A mhic, èisd thusa ri teagasg d’athar, agus na trèig lagh do mhàthar:
9Oir nan coron maise bidh iad dod cheann, agus nan slabhraidhean dod mhuineal.
10A mhic, ma thàlaidheas peacaich thu, na aontaich thusa leo#Eph 5:11;
11Ma their iad, Thig leinne, dèanamaid feall‐fheitheamh air fuil, laigheamaid am falach airson an neochiontaich gun adhbhar:
12Mar an uaigh sluigeamaid suas beò iad, agus iomlan mar iadsan a thèid sìos don t‑sloc.
13Gheibh sinn gach uile mhaoin luachmhor, lìonaidh sinn ar taighean le creich:
14Tilg a‑steach do chrannchur nar measg‐ne; bidh aon sporan againn uile.
15A mhic, na imich thusa anns an t‑slighe maille riu#Salm 1:1; cùm air a h‑ais do chas on ceum#Salm 119:101.
16Oir tha an casan a’ ruith a‑chum uilc, agus a’ dèanamh deifir a dhòrtadh fala.
17Gu deimhinn is dìomhain an lìon a sgaoileadh ann an sealladh eòin air bith.
18Agus tha iad ri feall‐fhalach an aghaidh am fala fhèin; tha iad a’ laighe ann an uaigneas an aghaidh an anama fhèin.
19Mar sin tha slighean gach neach a tha sanntach air buannachd#Hab 2:9‐12; 1 Tim 6:10: anam a shealbhadairean bheir i air falbh.
20Tha gliocas ag èigheach a‑muigh#Gnà 8:1, etc.; Eòin 7:37, anns na sràidean tha i a’ cur a‑mach a gutha;
21Ann an àitean sònraichte a’ cho‐chruinneachaidh tha i ag èigheach, ann am fosgladh nan geatachan: anns a’ bhaile tha i a’ cur a‑mach a briathran, ag ràdh,
22Cia fhad, a dhaoine baoghalta, a ghràdhaicheas sibh baoghaltachd? Agus a ghabhas luchd‐fochaid tlachd nam fochaid, agus a bheir amadain fuath do eòlas?
23Tillibh rim achmhasan: feuch, dòirtidh mi a‑mach mo spiorad oirbh#Ioel 2:28; Lùc 11:13; nì mi aithnichte mo bhriathran dhuibh.
24A chionn gun do ghairm mi#Isa 65:12; 66:4; Sech 7:11‐14, agus gun do dhiùlt sibhse, gun do shìn mi a‑mach mo làmh#Ròm 10:21, agus nach tug duine sam bith an aire;
25Ach gun do chuir sibh an neo‐bhrìgh m’uile chomhairle, agus nach b’àill leibh a’ bheag dem achmhasan;
26Nì mise mar an ceudna gàire ri ur sgrios‐se#Lùc 14:24; nì mi fanaid nuair a thig ur n‑eagal;
27Nuair a thig ur n‑eagal mar fhàsachadh, agus a thig ur lèirsgrios oirbh mar iomaghaoith; nuair a thig teinn agus cràdh‐cridhe oirbh.
28An sin gairmidh iad ormsa#Gen 6:3; Iob 27:9; Isa 1:15; Ier 11:11; 14:12; Esec 8:18; Mic 3:4, ach cha fhreagair mi; iarraidh iad mi gu moch, ach chan fhaigh iad mi;
29A chionn gun d’fhuathaich iad eòlas#Iob 21:14, agus nach do roghnaich iad eagal an Tighearna.
30Cha b’àill leo a’ bheag dem chomhairle, rinn iad tàir air m’achmhasan uile#Gnà 6:23.
31Uime sin ithidh iad de thoradh an slighe fhèin#Ier 2:19; 6:19, agus lìonar iad len innleachdan fhèin.
32Oir marbhaidh claonadh nan daoine baoghalta iad, agus sgriosaidh soirbheachadh nan amadan iad fhèin.
33Ach ge bè a dh’èisdeas riumsa, gabhaidh e còmhnaidh ann an tèarainteachd#Isa 48:18, agus bidh e saor o eagal uilc#Gnà 3:21‐26.

Currently Selected:

Gnàth‐fhacal 1: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in