YouVersion Logo
Search Icon

Salm 148

148
Dh’earail Daibhidh air na h‑ainglean, agus air gach creutair cruthaichte, Dia a mholadh.
1Molaibh‐se an Tighearna. Molaibh an Tighearna o na nèamhan; molaibh e anns na h‑àrdan.
2Molaibh e, a ainglean uile#Salm 103:20; molaibh e, a shlòigh uile.
3Molaibh e, a ghrian agus a ghealach; molaibh e, uile reultan solais.
4Molaibh e, a nèamhan nan nèamh#1 Rìgh 8:27; 2 Cor 12:2, agus uisgeachan a tha os cionn nan nèamh.
5Moladh iad ainm an Tighearna#Gen 1:1, etc., oir dh’àithn e, agus chruthaicheadh iad.
6Agus dhaingnich e iad gu saoghal nan saoghal; rinn e àithne nach tèid thairis.
7Molaibh an Tighearna on talamh, a dhràgonan#Isa 43:20 agus a dhoimhneachdan uile.
8Teine agus clach‐shneachda; sneachd agus ceò; gaoth dhoineannach a’ coileanadh a fhacail;
9Na beanntan agus na cnuic uile; craobhan‐meas agus na h‑uile sheudair;
10Fiadh‐bheathaichean agus gach uile ainmhidh; nithean snàigeach agus eunlaith iteagach;
11Rìghrean na talmhainn agus na h‑uile shlòigh; uachdarain agus uile bhritheamhan na talmhainn;
12Araon òigfhir agus òighean; seann daoine agus clann;
13Moladh iad sin ainm an Tighearna, oir tha a ainm‐san a‑mhàin#148:13 air àrdachadh. urramach#Salm 8:1; Isa 12:4, tha a ghlòir os cionn na talmhainn agus nan nèamh.
14Agus dh’àrdaich e adharc a shluaigh, moladh a naomh uile, eadhon clann Israeil, sluagh a tha am fagas dha#Eph 2:13, 17. Molaibh‐se an Tighearna.

Currently Selected:

Salm 148: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in