YouVersion Logo
Search Icon

Salm 147

147
1 Dh’àithn am fàidh buidheachas a thabhairt don Tighearna airson a mhaitheis da shluagh; 4 airson a chumhachd, 6 agus a thròcair. 15 Tha uachdaranachd aig Dia os cionn gach nì a chruthaich e.
1Molaibh‐se an Tighearna, oir is math an nì a bhith a’ tabhairt cliù dar Dia#Salm 92:1, oir tha e taitneach, agus tha moladh ciatach.
2Togaidh an Tighearna suas Ierusalem#Salm 102:13‐16; Neh 3; Isa 44:26, 28; cruinnichidh e ri chèile dìobaraich Israeil#Deut 30:3, 4.
3Lèighsidh e iadsan aig a bheil cridhe briste#Isa 61:1, agus ceanglaidh e suas an leòntan.
4Innsidh e àireamh nan rionnag#Isa 40:26; bheir e ainmean orra uile.
5Is mòr an Tighearna, agus is mòr a chumhachd; tha a thuigse gun tomhas#Isa 40:28.
6Togaidh an Tighearna suas na daoine ciùine#Salm 25:9; Mat 5:5; 1 Pead 3:4; tilgidh e sìos na h‑aingidh gu làr.
7Seinnibh don Tighearna le buidheachas; seinnibh moladh dar Dia‑ne air a’ chlàrsaich;
8A dh’fhalaicheas nèamh le neòil, a dh’ullaicheas uisge don talamh, a bheir air feur fàs suas air na slèibhtean.
9Bheir esan a bhiadh don ainmhidh, do na fithich òga a ghoireas#Iob 38:41; Mat 6:26.
10Ann an neart an eich cha bhi a dhùil; ann an casan fir cha ghabh e tlachd.
11Gabhaidh an Tighearna tlachd anntasan don eagal e#Isa 62:4; Mal 3:16, 17, a chuireas an dòigh na thròcair.
12Mol an Tighearna, a Ierusaleim; mol do Dhia, a Shion;
13Oir neartaich e cruinn do gheatachan; bheannaich e do chlann an taobh a‑staigh dhìot#Salm 115:14.
14Nì e sìth ad chrìochan#Salm 29:11; sàsaichidh e thu le smior a’ chruithneachd.
15Cuiridh e a‑mach a àithne air thalamh#Salm 107:20; gu luath ruithidh a fhacal.
16Bheir e sneachd mar olainn; sgaoilidh e an liath‐reodhadh mar luaithre.
17Tilgidh e a‑mach a eigh mar ghreamannan; cò a dh’fhaodas seasamh fa chomhair a fhuachd?
18Cuiridh e a‑mach a fhacal, agus leaghaidh e iad; sèididh a’ ghaoth, sruthaidh na h‑uisgeachan.
19Foillsichidh e a fhacal do Iàcob#Deut 33:3, 4; Ròm 3:2, a reachdan agus a bhreitheanais do Israel#Mal 4:4.
20Cha do bhuin e mar seo ri cinneach sam bith#Deut 4:32‐34; cha mhò a b’aithne dhaibh a bhreitheanais. Molaibh‐se an Tighearna.

Currently Selected:

Salm 147: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in