YouVersion Logo
Search Icon

Salm 146

146
1 Gheall Daibhidh gu moladh e Dia rè a bheatha. 5 Is sona an tì a dh’earbas as an Tighearna.
1Molaibh‐se an Tighearna; mol an Tighearna, O m’anam#Salm 103:1.
2Molaidh mi an Tighearna an cian as beò mi#Salm 104:33; seinnidh mi cliù dom Dhia am feadh a bhios bith agam.
3Na earbaibh à uachdarain#Isa 2:22; Ier 17:6, 7, à mac duine sam bith, anns nach eil furtachd.
4Thèid a anail as, tillidh e ga ùir#Ecl 12:7; anns an là sin fhèin thèid as da smuaintean.
5Is sona an tì aig a bheil Dia Iàcoib mar a chobhair#Ier 17:7, aig a bheil a dhòchas anns an Tighearna a Dhia,
6A rinn nèamh agus talamh#Tais 14:7, a’ mhuir agus gach nì a tha annta; a ghleidheas fìrinn gu bràth;
7A chumas còir riùsan a tha fo fhòirneart#Salm 103:6; Gnà 22:22, 23, a bheir biadh do na h‑acraich#Lùc 1:53. Cuiridh an Tighearna na prìosanaich fa sgaoil#Salm 68:6; 107:14.
8Fosglaidh an Tighearna sùilean nan dall#Mat 9:30; Eòin 9:6, etc.; 1 Pead 2:9; togaidh an Tighearna suas iadsan a tha air an cromadh sìos#Salm 147:6; Lùc 13:13; is ionmhainn leis an Tighearna na fìreanan.
9Gleidhidh an Tighearna na coigrich; togaidh e suas an dìlleachdan agus a’ bhantrach#Gnà 15:25, ach tilgidh e slighe nan aingidh bun‐os‑cionn#Iob 5:12, 13; Gnà 4:19.
10Rìoghaichidh an Tighearna gu bràth#Salm 145:15; Tais 11:15, do Dhia‑sa, a Shion, o linn gu linn. Molaibh‐se an Tighearna.

Currently Selected:

Salm 146: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in