YouVersion Logo
Search Icon

Salm 145

145
1 Chuir Daibhidh an cèill cumhachd iongantach an Tighearna, 7 a mhaitheas, 18 a cheartas agus a naomhachd.
Laoidh‐mholaidh le Daibhidh.
1Ardaichidh mi thu, mo Dhia, mo Rìgh, agus beannaichidh mi d’ainm gu saoghal nan saoghal.
2Gach là beannaichidh mi thu, agus molaidh mi d’ainm gu saoghal nan saoghal.
3Is mòr an Tighearna#Salm 48:1; 147:5, agus is ro‑airidh e air moladh; agus chan fhaodar a mhòrachd a rannsachadh#Ròm 11:33.
4Molaidh àl do àl do ghnìomharan, agus cuiridh iad an cèill d’obraichean cumhachdach.
5Air urram glòir do mhòrachd agus air d’obraichean iongantach labhraidh mi;
6Agus labhraidh daoine air neart do bheartan uamhasach, agus aithrisidh mise do mhòrachd.
7Cuiridh iad an cèill gu pailt cuimhne do mhaitheis mhòir, agus àrd‐mholaidh iad d’fhìreantachd.
8Is gràsmhor agus truacanta an Tighearna#Àir 14:18, mall a‑chum feirge agus pailt ann an tròcair.
9Is math an Tighearna do na h‑uile#Nah 1:7, agus tha a chaomh‐thròcairean os cionn a obrach uile.
10Molaidh d’obraichean gu lèir thu, a Thighearna, agus beannaichidh do naoimh thu.
11Air glòir do rìoghachd labhraidh iad, agus cuiridh iad an cèill do chumhachd,
12A‑chum a bheartan iongantach a dhèanamh aithnichte do chloinn nan daoine, agus glòir mòralachd a rìoghachd.
13Is rìoghachd shìorraidh do rìoghachd‐sa#Daniel 2:24, agus mairidh d’uachdaranachd air feadh nan uile ghinealach.
14Tha an Tighearna fìrinneach na uile bhriathran, agus naomh na uile ghnìomharan.
15Cumaidh an Tighearna suas iadsan uile a tha a’ tuiteam#Salm 37:24; 94:18, agus togaidh e an àird iadsan uile a tha air cromadh sìos#Salm 146:8.
16Tha sùilean nan uile a’ feitheamh ort#Salm 104:27, agus bheir thu dhaibh am biadh na thràth#Salm 136:25; Mat 6:26.
17Tha thu a’ fosgladh do làmh#Salm 104:28, agus a’ sàsachadh miann gach nì beò.
18Tha an Tighearna ceart na uile shlighean#Gen 18:25; Tais 15:3, 4, agus naomh na uile ghnìomharan.
19Is dlùth an Tighearna dhaibhsan uile a ghairmeas air#Deut 4:7; Seum 4:8, dhaibhsan uile a ghairmeas air ann am fìrinn.
20Coileanaidh e miann na dream don eagal e#Salm 37:4, 5, agus èisdidh e rin glaodh, agus saoraidh e iad.
21Gleidhidh an Tighearna iadsan uile a ghràdhaicheas e#Ecs 20:6; Salm 31:23, ach sgriosaidh e na h‑aingidh gu lèir.
22Air cliù an Tighearna labhraidh mo bheul#Tais 5:13, agus beannaichidh gach feòil a ainm gu saoghal nan saoghal.

Currently Selected:

Salm 145: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in