Salm 142
142
1 Na thrioblaid ghlaodh Daibhidh ris an Tighearna, 5 agus thaom e a ghearan na làthair.
Maschil#142:0 airson teagaisg. le Daibhidh. Ùrnaigh nuair a bha e anns an uaimh#1 Sam 22:1; 24:3.
1Lem ghuth ghlaodh mi ris an Tighearna; lem ghuth dh’aslaich mi air an Tighearna.
2Thaom mi mo ghearan na làthair#Salm 62:8; 102; chuir mi an cèill mo theinn na fhianais.
3Nuair a chlaoidheadh mo spiorad annam#Salm 143:4, b’aithne dhutsa mo cheum; anns an t‑slighe air an d’imich mi, dh’fhalaich iad ribe dhomh#Salm 140:5.
4Dh’amhairc mi air mo làimh dheis#Salm 69:20, agus feuch, cha robh fear ann dom b’aithne mi; thrèig cobhair mi; cha robh neach ann a dh’fheòraicheadh airson m’anama.
5Ghlaodh mi riut, a Thighearna; thubhairt mi, Is tu mo thèarmann#Salm 46:1, mo chuibhreann#Salm 73:26; Tuir 3:24 ann an tìr nam beò.
6Thoir an aire dom ghlaodh, oir dh’ìslicheadh mi gu mòr; saor mi uapasan a tha an tòir orm, oir is treasa iad na mi#Ròm 8:33, 37.
7Thoir m’anam à prìosan, a‑chum gum mol mi d’ainm; cuartaichidh na fìreanan mi; oir buinidh tu gu fial rium#Salm 13:6; 119:17.
Currently Selected:
Salm 142: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017