Salm 143
143
1 Ghuidh Daibhidh air an Tighearna gum bitheadh e bàigheil ris ann am breitheanas. 3 Tha e ri caoidh gun d’rinn a naimhdean geur‐leanmhainn air anam. 5 Dh’aslaich e air Dia gu nochdadh e dha a chaoimhneas‐gràidh, 7 agus gun teasairgeadh e e o làimh a naimhdean.
Salm le Daibhidh.
1Cluinn m’ùrnaigh, a Thighearna; èisd rim athchuingean ann ad fhìrinn, freagair mi ann ad cheartas;
2Agus na tig ann am breitheanas#Iob 14:3 led òglach; oir ann ad fhianais chan fhìreanaichear duine beò air bith#Salm 130:3; Ecs 34:7; Iob 9:2, 3; Ecl 7:20; Ròm 3:20; Gal 2:16.
3Oir gheur‐lean an nàmhaid m’anam; bhuail e mo bheatha sìos gu làr; thug e orm còmhnaidh a ghabhail ann an dorchadas, mar iadsan a bha fada marbh.
4Uime sin chlaoidheadh mo spiorad annam#Salm 77:3; 142:3; tha mo chridhe briste an taobh a‑staigh dhìom.
5Is cuimhne leam na làithean o chian#Salm 77:5, 11; tha do ghnìomharan gu lèir a’ teachd am aire; tha mi a’ beachd‐smaoineachadh air obair do làmh.
6Shìn mi mo làmhan riutsa; tha m’anam, mar thalamh tartmhor#Salm 63:1, an geall ort. Selah.
7Eisd rium gu grad, a Thighearna; chaidh as dom spiorad; na falaich do ghnùis orm, air eagal gum bi mi cosmhail riùsan a thèid sìos don t‑sloc#Salm 28:1.
8Thoir orm do choibhneas gràidh a chluinntinn anns a’ mhadainn#Salm 30:5, oir annadsa chuir mi mo dhòigh; thoir orm gun aithnich mi an t‑slighe anns an còir dhomh imeachd#Salm 73:24, oir riutsa tha mi a’ togail suas m’anama.
9Teasairg mi om naimhdean, a Thighearna; ad ionnsaigh‐sa teichidh mi.
10Teagaisg dhomh do thoil a dhèanamh#Mic 4:2; 1 Eòin 2:27, oir is tu mo Dhia; treòraicheadh do spiorad math#Neh 9:20 mi gu tìr an ionracais#Isa 26:10.
11Air sgàth d’ainme, a Thighearna, beòthaich thusa mi#Hab 3:2; Eph 2:1; trìd d’fhìreantachd saor m’anam o theinn;
12Agus trìd do thròcair geàrr as mo naimhdean, agus sgrios iadsan uile a tha a’ claoidh m’anama, oir is mi d’òglach.
Currently Selected:
Salm 143: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017