YouVersion Logo
Search Icon

Salm 141

141
1 Ghuidh Daibhidh gun èisdeadh Dia ra ghuth, 3 gun cuireadh e faire air a bheul, 9 agus gun coimheadeadh e e o ribe luchd‐dèanamh na h‑euceirt.
Salm le Daibhidh.
1A Thighearna, tha mi ag èigheachd riut; greas am ionnsaigh; èisd rim ghuth nuair a dh’èigheas mi riut.
2Cuirear m’ùrnaigh ad làthair, mar thùis#Tais 5:8; togail suas mo làmh, mar an ìobairt fheasgair.
3Cuir, a Thighearna, faire air mo bheul; glèidh doras mo bhilean.
4Na aom mo chridhe gu nì olc air bith, gu beartan aingidh a chur an gnìomh le luchd‐dèanamh na h‑euceirt; agus na itheam fhèin den nithean milis#Gnà 23:6.
5Buaileadh am fìrean mi#Gnà 9:8; 27:5, 6, is coibhneas e; agus cronaicheadh e mi, is ola luachmhor e, nach bris mo cheann; oir fhathast bidh m’ùrnaigh mar an ceudna air an son nan àmhghairean.
6Nuair a thilgear sìos am britheamhan ann an ionadan clachach, èisdidh iad rim bhriathran, oir tha iad milis.
7Mar a ghearras agus a sgoltas neach fiodh air an làr, sgaoileadh ar cnàmhan aig beul na h‑uaighe.
8Ach riutsa, a Iehòbhah, a Thighearna, tha mo shùilean; annadsa chuir mi mo dhòigh; na trèig m’anam.
9Coimhead mi on ribe a leag iad dhomh#Gnà 13:14, agus o cheapan‐tuislidh luchd‐dèanamh na h‑euceirt.
10Tuiteadh na h‑aingidh nan lìontan fhèin#Salm 35:8, am feadh a bhios mise a’ gabhail thairis.

Currently Selected:

Salm 141: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in