YouVersion Logo
Search Icon

Salm 140

140
1 Ghuidh Daibhidh gun teasairgeadh Dia e o ais‐innleachd a naimhdean. 12 Tha dòchas aige gun cùm an Tighearna ceartas ris na bochdan.
Don àrd‐fhear‐ciùil. Salm le Daibhidh.
1Teasairg mi, a Thighearna, on droch dhuine; o fhear an fhòirneirt glèidh mi,
2A tha a’ smaoineachadh aimhleis nan cridhe; cruinnichidh iad gach là a‑chum cogaidh.
3Gheuraich iad an teanga, mar theanga nathrach; tha nimh na nathrach fom bilean#Ròm 3:13. Selah.
4Glèidh mi, a Thighearna, o làmhan nan aingidh; o fhear an fhòirneirt dìon mi, lem b’àill mo cheuman a thilgeadh bun‐os‑cionn.
5Dh’fhalaich na h‑uaibhrich ribe dhomh#Ier 18:22 agus cùird; sgaoil iad lìon ri taobh na slighe; leag iad ceapan‐tuislidh romham. Selah.
6Thubhairt mi ris an Tighearna, Is tu mo Dhia; èisd, a Thighearna, ri guth m’athchuingean.
7A Iehòbhah, a Thighearna, neart mo shlàinte, dh’fhalaich thu mo cheann ann an là a’ chatha#Salm 144:10; 1 Sam 17:45‐51.
8Na deònaich, a Thighearna, miannan an aingidh; na soirbhich le a ais‐innleachd, air eagal gun àrdaich iad iad fhèin. Selah.
9A‑thaobh nan daoine a chuartaich mi, còmhdaichidh aimhleas am bilean fhèin iad#Salm 7:16; Gnà 12:13.
10Tuitidh èibhlean teine orra#Salm 11:6; anns an teine tilgear iad; ann an slocan domhain, a‑chum nach èirich iad a‑rìs.
11Na daingnichear fear‐labhairt uilc air an talamh; sealgaidh olc air fear an fhòirneirt a‑chum a sgrios.
12Tha fhios agam gun cùm an Tighearna ceartas ris an duine thruagh#1 Rìgh 8:45, còir ris na bochdan.
13Gu dearbh bheir na fìreanan moladh dod ainm; gabhaidh na h‑ionracain còmhnaidh ad fhianais.

Currently Selected:

Salm 140: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in