YouVersion Logo
Search Icon

Gnàth‐fhacal 9

9
1 Fòghlàm agus luach a’ ghliocais. 13 Tha bean amaideach àrd‐ghuthach, agus baoghalta, 18 agus thèid a h‑aoidhean do dhoimhneachd ifrinn.
1Thog gliocas a taigh#Eph 2:20‐22; gheàrr i a‑mach a seachd puist:
2Mharbh i a feòil#Mat 22:3, etc.; mheasg i a fìon; dheasaich i mar an ceudna a bòrd:
3Chuir i a‑mach a h‑òighean#Ròm 10:15; tha i a’ gairm air na h‑àitean as àirde den bhaile:
4Ge bè a tha baoghalta, thigeadh e a‑steach an seo: riùsan a tha a dhìth tuigse tha i ag ràdh,
5Thigibh, ithibh dem aran‐sa#Eòin 6:27, agus òlaibh den fhìon a mheasg mi.
6Trèigibh nithean amaideach, agus bithibh beò; agus imichibh air slighe na tuigse.
7Esan a bheir achmhasan do fhear‐fochaid, gheibh e dha fhèin masladh; agus esan a chronaicheas an t‑aingidh, gheibh e dha fhèin smal.
8Na cronaich fear‐fochaid#Mat 7:6, air eagal gum fuathaich e thu: cronaich an duine glic, agus gràdhaichidh e thu.
9Thoir teagasg don duine ghlic#Hos 6:3; Mat 13:12, agus bidh e nas glice: teagaisg an duine cothromach, agus meudaichidh e ann am fòghlam.
10Is e eagal an Tighearna toiseach a’ ghliocais#Gnà 1:7; Iob 28:28; Salm 111:10; agus is e eòlas nithean naomha, tuigse.
11Oir leamsa nìthear do làithean lìonmhor#Gnà 10:27, agus cuirear ri bliadhnachan do bheatha.
12Ma bhios tu glic#Iob 35:6, 7; Esec 18:20, bidh tu glic dhut fhèin: ach ma bhios tu ri fochaid, is tu fhèin a‑mhàin a dh’iomchaireas e.
13Tha bean amaideach àrd‐ghuthach#Gnà 7:11, baoghalta, agus chan aithne dhi nì air bith:
14Oir suidhidh i aig doras a taighe, air cathair, ann an àitean àrda a’ bhaile,
15A ghairm orrasan a bhios a’ dol seachad air an t‑slighe, a’ gabhail dìreach romhpa:
16Ge bè neach a tha baoghalta, thigeadh e a‑steach an seo; agus ris‐san a tha a dhìth tuigse their i,
17Tha na h‑uisgeachan a ghoidear milis, agus an t‑aran a dh’ithear ann an uaigneas taitneach.
18Ach chan eil fhios aige gu bheil na mairbh an sin#Gnà 2:18; ann an doimhneachdan ifrinn gu bheil a h‑aoighean.

Currently Selected:

Gnàth‐fhacal 9: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in