Gnàth‐fhacal 10
10
1 Dìonaidh Dia an t‑ionracan. 6 Beannaichear am fìrean, ach sgriosar an t‑amadan bith‐bhriathrach. 12 Folaichidh gràdh gach cionta. 25 Thig sgrios air luchd‐dèanamh na h‑euceirt. 30 ach cha ghluaisear am fìrean gu bràth.
1Gnàth‐fhacail Sholaimh. Nì mac glic athair subhach#Gnà 15:20; 23:15, 16; 29:3, 15; ach is e mac amaideach dubhachas a mhàthar.
2Chan eil tairbhe ann an ionmhasan aingidheachd#Lùc 12:19‐21; ach saoraidh ionracas on bhàs#Daniel 4:27; Philip 3:9.
3Cha leig an Tighearna le anam an ionraic gort fhulang#Salm 37:25; ach sgaoilidh e maoin nan aingidh.
4Nì làmh na leisge bochd#Gnà 11:24; ach nì làmh nan dìcheallach beartach#Gnà 13:4; 19:15.
5Esan a chruinnicheas anns an t‑samhradh, is mac glic e; ach esan a chaidleas anns an fhogharadh, is mac maslach e.
6Bidh beannachdan air ceann an fhìrein; ach còmhdaichidh fòirneart beul nan aingidh#Est 7:8.
7Bidh cuimhne an fhìrein beannaichte#Salm 112:6; ach lobhaidh ainm nan aingidh#Ecl 8:10.
8Gabhaidh esan a tha glic na chridhe àitheantan; ach tuitidh#10:8 buailear. an t‑amadan bith‐bhriathrach.
9Esan a ghluaiseas ann an ionracas, gluaisidh e gu tèarainte#Isa 33:15, 16; ach esan a chlaonas a shlighean, aithnichear e.
10Esan a chaogas le a shùil#Gnà 6:13, bheir e bròn: agus tuitidh an t‑amadan bith‐bhriathrach.
11Is tobar beatha beul an fhìrein#Salm 37:30; ach còmhdaichidh fòirneart beul nan aingidh.
12Dùisgidh fuath aimhreitean; ach falaichidh gràdh gach coire#1 Cor 13:4‐7; 1 Pead 4:8.
13Ann am bilean an duine thuigsich gheibhear gliocas; ach tha slat airson druim an tì a tha as eugmhais tuigse#Gnà 26:3.
14Ceilidh#10:14 no, taisgidh na daoine glice suas eòlas. daoine glice nas aithne dhaibh#Mat 12:35; 13:52; ach tha beul an amadain dlùth do sgrios.
15Is e beartas an duine shaoibhir a chathair làidir#Salm 52:7; Ecl 7:12; is e milleadh nam bochd an uireasbhaidh.
16Tha saothair an fhìrein a‑chum beatha; teachd‐a‑steach an aingidh a‑chum peacaidh.
17Tha esan a choimheadeas fòghlam anns an t‑slighe gu beatha#2 Pead 1:5‐11; ach tha esan a dhiùltas achmhasan air seachran#Gnà 1:25, 30.
18Esan a cheileas fuath le bilean cealgach, agus esan a labhras mì‑chliù, is amadan e.
19Ann an lìonmhorachd bhriathar cha bhithear saor o pheacadh#Ecl 5:2, 3; Seum 3:2; ach tha esan a chaisgeas a bhilean glic.
20Mar airgead taghte tha teanga an fhìrein; ach tha cridhe nan aingidh mar nì nach fiù.
21Beathaichidh bilean an fhìrein mòran; ach eugaidh na h‑amadain a dhìth tuigse.
22Nì beannachadh an Tighearna saoibhir#Gen 24:35; Salm 37:22, agus cha chuir e doilgheas na chuideachd.
23Tha e mar shùgradh don amadan olc a dhèanamh; ach tha gliocas aig fear na tuigse.
24An nì as eagal leis an aingidh, thig e air; ach deònaichear miann nam fìrean#Salm 145:19; Mat 5:6; Eòin 5:14, 15.
25Mar a thèid an iomaghaoth thairis, mar sin cha bhi an droch dhuine nas mò; ach is bunait sìorraidh am fìrean#Mat 7:24, 25.
26Mar fhìon‐geur do na fiaclan, agus mar dheataich do na sùilean, mar sin tha leisgean dhaibhsan a chuireas uapa e.
27Cuiridh eagal an Tighearna ri làithean duine#Gnà 9:11; ach giorraichear bliadhnachan nan aingidh#Ecl 7:17.
28Bidh dùil nam fìrean na adhbhar aoibhneis; ach thèid as do dhòchas nan aingidh.
29Is neart do na h‑ionraic slighe an Tighearna; ach thig sgrios air luchd‐dèanamh na h‑euceirt.
30Cha ghluaisear am fìrean gu bràth; ach cha ghabh na h‑aingidh còmhnaidh air an talamh.
31Bheir beul an fhìrein a‑mach gliocas; ach gearrar as an teanga fhiar.
32Tha fhios aig bilean an fhìrein air an nì a tha taitneach#Ecl 12:9‐11; Tìt 2:8; ach labhraidh beul nan aingidh nithean fiara.
Currently Selected:
Gnàth‐fhacal 10: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017