Gnàth‐fhacal 8
8
1 Gairm, 6 teagasg luachmhor, 15 sochairean prìseil, 22 agus sìorraidheachd a’ ghliocais 32 Soirbhichidh esan a gheibh gliocas, 36 agus esan a dhiùltas i nì e cron dha anam fhèin.
1Nach eil gliocas ag èigheachd#Gnà 1:20; 9:3, etc.? Agus nach eil tuigse a’ cur a‑mach a gutha?
2Air mullach nan àitean àrda, làimh ris an t‑slighe, ann am meadhon nan rathad tha i na seasamh.
3Làimh ris na geatachan, aig dol a‑staigh a’ bhaile, far an tigear a‑steach air na dorsan tha i ag èigheach:
4Ribhse, O fheara, tha mi ag èigheach; agus tha mo ghuth ri cloinn nan daoine.
5A dhaoine baoghalta#Isa 55:1, 3, tuigibh gliocas; agus amadana#1 Cor 1:27; 2:6‐11, tuigibh nur cridhe.
6Eisdibh, oir labhraidh mi air nithean òirdheirc#Gnà 22:20; Salm 19:7‐11; agus bidh fosgladh mo bhilean air nithean cearta.
7Oir labhraidh mo bheul fìrinn#Eòin 17:17; agus is gràinealachd aingidheachd dom bhilean.
8Ann an ceartas tha uile bhriathran mo bheòil; anntasan chan eil nì air bith olc no fiar#Salm 12:6.
9Tha iad uile soilleir dhàsan a thuigeas#Mic 2:7, agus ceart dhaibhsan a gheibh eòlas.
10Gabhaibh mo theagasg#Gnà 23:23, agus chan e airgead, agus eòlas thar an òir thaghte.
11Oir is fheàrr gliocas na na clachan luachmhor#Gnà 3:14, 15; agus chan eil na h‑uile nithean a dh’fhaodar a mhiannachadh rin coimeas rithe#Philip 3:8, 9.
12Tha mise, gliocas, am chòmhnaidh maille ri cèill, agus tha mi a’ faghail a‑mach eòlais air nithean innleachdach.
13Is e eagal an Tighearna an t‑olc fhuathachadh#Gnà 16:6; Salm 97:10; Ròm 12:9; 1 Tes 5:22; 2 Tim 2:19; uabhar, agus àrdan, agus an droch shlighe, agus am beul fiar is fuathach leam.
14Is leamsa comhairle, agus fìor ghliocas: is leamsa tuigse; is leamsa neart#Ecl 7:19;
15Leamsa rìoghaichidh rìghrean#Daniel 2:21; Ròm 13:1, agus òrdaichidh uachdarain ceartas;
16Leamsa riaghlaidh uachdarain, agus daoine mòra, uile bhritheamhan na talmhainn.
17Iadsan aig a bheil gràdh dhomh gràdhaichidh mi#1 Sam 2:30; Eòin 14:21; agus iadsan a dh’iarras mi gu moch gheibh iad mi#Isa 45:19.
18Tha beartas agus urram maille riumsa#Mat 6:33; saoibhreas maireannach agus fìreantachd.
19Is fheàrr mo thoradh na òr, eadhon na òr fìorghlan; agus mo theachd‐a‑staigh na airgead taghte.
20Air slighe a’ cheartais treòraichidh mi; ann am meadhon ceuman a’ bhreitheanais;
21A‑chum gun toir mi orrasan len ionmhainn mi maoin a shealbhachadh; agus lìonaidh mi an ionmhasan.
22Bha mise aig an Tighearna ann an toiseach a shlighe#Eòin 1:1, etc., ro a obraichean o shean.
23O shìorraidheachd chuireadh suas mi#Salm 2:6, on toiseach, mun robh an talamh ann.
24Mun robh doimhneachdan ann, ghineadh mise; nuair nach robh tobraichean ann, làn de uisgeachan.
25Mun do shuidhicheadh na beanntan#Salm 90:2; Isa 53:8; ro na cnocan ghineadh mise.
26Mun do rinn e fhathast an talamh, no na machraichean, no a’ chuid as àirde de dhuslach an domhain.
27Nuair a dheasaich e na nèamhan#Eabh 1:2, bha mi an sin; nuair a tharraing e cuairt air aghaidh na doimhne;
28Nuair a dhaingnich e an t‑adhar shuas; nuair a neartaich e tobraichean na doimhne;
29Nuair a thug e a reachd don fhairge#Iob 38:10, 11; Ier 5:22, nach rachadh na h‑uisgeachan thar a aithne; nuair a shuidhich e bunaitean na talmhainn;
30An sin bha mise aige mar neach a dh’altramadh#8:30 mar am fear togail. maille ris; agus bu mhi a thlachd gach là#Mat 3:17; Col 1:13, a’ dèanamh gàirdeachais na fhianais an còmhnaidh;
31A’ dèanamh gàirdeachais anns a’ chuid a dh’àitichear de a thalamh, agus mo thlachd maille ri cloinn nan daoine.
32A‑nis uime sin, a chlann, èisdibh rium; oir is sona iadsan a ghleidheas mo shlighean#Salm 119:1, 2; 128:1, 2.
33Eisdibh ri teagasg, agus bithibh glic, agus na diùltaibh e.
34Is beannaichte an duine a dh’èisdeas rium#Gnà 5:5, a’ dèanamh faire aig mo gheatachan gach là, a’ feitheamh aig ursainnean mo dhorsan.
35Oir esan a gheibh mise, gheibh e beatha, agus gheibh e deagh‐ghean on Tighearna.
36Ach esan a pheacaicheas am aghaidh‐sa, nì e cron da anam fhèin: iadsan uile a dh’fhuathaicheas mi, gràdhaichidh iad am bàs.
Currently Selected:
Gnàth‐fhacal 8: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017