Gnàth‐fhacal 7
7
1 Chomhairlich Solamh don t‑sluagh àitheantan a thasgadh nan cridhe. 6 Seòltachd agus cuilbheartan na mnatha coimhich; 24 Sgriosar iadsan a chlaonas na dèidh.
1A mhic, glèidh mo bhriathran, agus taisg m’àitheantan maille riut#Gnà 2:1‐7.
2Glèidh m’àitheantan#Lebh 18:5; Isa 55:3, agus bi beò; agus mo lagh mar dhubhagan do shùl#Deut 32:10.
3Ceangail iad air do mheòir#Gnà 6:21; Deut 6:8; sgrìobh iad air clàr do chridhe.
4Abair ri gliocas, Is tu mo phiuthar; agus goir do bhanacharaid de thuigse:
5A‑chum gun glèidh iad thu on mhnaoi choimhich, on bhan‐choigrich a nì miodal le a briathran.
6Oir aig uinneig mo thaighe dh’amhairc mi tro mo chlèith,
7Agus sheall mi am measg nan daoine baoghalta; thug mi fa‑near am measg nan òganach, òigfhear gun chèill#Gnà 6:32; 9:4, 16,
8A’ dol seachad air an t‑sràid fagas da h‑oisinn, agus ghabh e an t‑slighe a‑chum a taighe,
9Anns an dùbhradh anns an fheasgar, anns an oidhche dhuibh dhorcha:
10Agus, feuch, thachair bean air ann an culaidh strìopaich, agus cuilbheartach na cridhe.
11(Tha i àrd‐ghuthach#Gnà 9:13 agus ceann‐làidir#Ier 3:3; chan fhan a casan na taigh#1 Tim 5:13; Tìt 2:5.
12A‑nis tha i a‑mach, a‑nis anns na sràidean, agus a’ feitheamh nam fàth aig gach oisinn.)
13Agus rug i air, agus phòg i e, agus le aghaidh gun nàire thubhairt i ris,
14Tha tabhartasan‐sìth agam; an‑diugh dh’ìoc mi mo bhòidean:
15Uime sin thàinig mi a‑mach ad choinneamh, a dh’iarraidh d’aghaidh gu dìcheallach, agus fhuair mi thu.
16Le còmhdaichean grinne sgeadaich mi mo leabaidh, le obraichean geàrrte, le lìon‐aodach mìn on Eiphit#Isa 19:9.
17Rinn mi mo leabaidh cùbhraidh le mirr, alo, agus canal.
18Thig, gabhamaid ar sàth de ghaol gu madainn; dèanamaid co‑ghàirdeachas ann an gaol:
19Oir chan eil fear an taighe aig baile; chaidh e air turas fada:
20Sporan airgid thug e leis; air an là shuidhichte#7:20 là na gealaich ùir. thig e dhachaigh.
21Le mòran de a cainnt mhilis#Gnà 5:3 thug i air aontachadh; le miodal a bilean#Salm 12:2 cho‐èignich i e.
22Tha e a’ dol na dèidh gun dàil, mar a thèid an damh a‑chum a chasgraidh, no an t‑amadan a‑chum peanas a’ chip;
23Gus an tèid saighead tro a àinean, mar a ghreasas eun don ribe#Ecl 9:12, gun fhios aige gur ann a‑chum a bhàis a tha e.
24A‑nis uime sin èisdibh rium, a chlann, agus thugaibh aire do bhriathran mo bheòil:
25Na claonadh do chridhe a‑chum a slighean, na rach air seachran na ceuman.
26Oir lot agus leag i sìos mòran; seadh, chaidh mòran de dhaoine treuna a mharbhadh leatha#Bri 16:19‐30; Neh 13:26.
27Is e a taigh an t‑slighe gu ifrinn#Gnà 5:5, a’ dol sìos gu seòmraichean a’ bhàis.
Currently Selected:
Gnàth‐fhacal 7: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017