YouVersion Logo
Search Icon

Gnàth‐fhacal 6

6
1 An aghaidh luchd‐urrais. 6 an leisgein, 12 agus nan daoine aingealta. 16 Na seachd nithean a tha nan gràineileachd don Tighearna. 25 Le mnaoi strìopachail sgriosar anam an duine.
1A mhic, ma tha thu an urras air do charaid#Gnà 11:15; 17:18; 22:26, ma bhuail thu do làmh le neach eile,
2Ribeadh thu le briathran do bheòil; ghlacadh thu le faclan do bheòil.
3Dèan seo a‑nis, a mhic, agus saor thu fhèin, nuair a thig thu an làimh do charaid; imich, irioslaich thu fhèin, agus dèan cinnteach do charaid.
4Na toir cadal dod shùilean, no clò cadail dod rosgan.
5Thoir as thu fhèin mar earb à làimh an t‑sealgair, agus mar eun à làimh an eunadair.
6Imich a‑chum an t‑seangain#Iob 12:7, a leisgein; thoir fa‑near a shlighean, agus bi glic:
7Aig nach eil fear‐seòlaidh, fear‐amhairc, no luchd‐riaghlaidh,
8A dh’ullaicheas a bhiadh anns an t‑samhradh, agus a chruinnicheas a theachd‐an‑tìr anns an fhogharadh.
9Cia fhad a chaidleas tu, a leisgein? Cuin a dh’èireas tu as do chadal?
10Fhathast beagan cadail#Gnà 24:33, 34, beagan clò cadail, beagan filleadh nan làmh gu cadal.
11An sin thig do bhochdainn mar fhear‐siubhail, agus d’uireasbhaidh mar dhuine fo airm.
12Duine nach fiù, fear aingidh, siùbhlaidh e le beul ana‑cneasda.
13Caogaidh e le a shùil#Iob 15:12, bheir e sanas le a chois, teagaisgidh e le mheòir.
14Tha aingealtachd na chridhe, tha e a’ dealbhadh uilc a‑ghnàth#Isa 57:20; togaidh e#6:14 sìol‐chuiridh e. aimhreit#Ròm 16:17:
15Uime sin gu h‑obann thig a sgrios#Gnà 1:27; gu grad brisear e#Ier 19:11, gun leigheas#2 Each 36:16.
16Na sia nithean seo is fuathach leis an Tighearna; seadh, tha seachd nithean nan gràinealachd da anam:
17Sealladh àrd#Salm 18:27, teanga bhreugach#Salm 120:3, 4; Tais 22:15, agus làmhan a dhòirteas fuil neo‐chiontach#2 Rìgh 24:3, 4; Isa 1:15;
18Cridhe a dhealbhas smuaintean aingidh#Mic 2:1, casan a bhios luath a ruith a‑chum uilc#Isa 59:7;
19Fianais bhreugach a labhras breugan#Gnà 19:9, agus esan a thogas aimhreit eadar bràithrean#3 Eòin 1:9, 10.
20A mhic, coimhead àithne d’athar#Eph 6:1, agus na trèig reachd do mhàthar:
21Ceangail iad a‑ghnàth air do chridhe, daingnich iad mud mhuineal.
22Nuair a dh’imicheas tu, treòraichidh iad thu#Deut 11:18‐21; nuair a chaidleas tu gleidhidh iad thu; agus nuair a dhùisgeas tu, labhraidh iad riut.
23Oir is lòchran an àithne, agus is solas an reachd#Salm 119:105, agus is iad slighe na beatha achmhasain teagaisg;
24A‑chum do ghleidheadh on droch mhnaoi, o mhiodal teanga na mnà coimhich.
25Na miannaich a sgèimh ann ad chridhe#Mat 5:28; agus na glacadh i thu le a rosgan.
26Oir le mnaoi strìopachail bheirear duine gu greim arain; agus sealgaidh a’ bhan‐adhaltranach air an anam luachmhor.
27An urrainn duine teine a ghabhail na bhroilleach, agus gun a aodach a bhith air a losgadh?
28An urrainn duine imeachd air èibhlean tetha, agus gun a chasan a bhith air an losgadh?
29Mar sin esan a thèid a‑steach a‑chum bean a choimhearsnaich: cha bhi neach air bith neochiontach a bheanas rithe.
30Cha dèanar tàir air gadaiche, ma ghoideas e a shàsachadh a anama, nuair a bhios e acrach:
31Ach ma ghlacar e, aisigidh e a sheachd uiread; uile mhaoin a thaighe bheir e seachad.
32Ach ge bè nì adhaltranas ri mnaoi, tha e gun tuigse: sgriosaidh esan a nì e a anam fhèin#Eabh 13:4.
33Lot agus mì‑chliù gheibh e; agus a mhasladh cha ghlanar as.
34Oir is e an t‑eud cuthach an fhir#DànShol 8:6: uime sin cha chaomhain e ann an là an dìoghaltais.
35Cha bhi suim aige do èirig air bith; cha mhò a thoilichear e, ged bheir thu dha mòran thìodhlacan.

Currently Selected:

Gnàth‐fhacal 6: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in