Gnàth‐fhacal 5
5
1 Chomhairlich Solamh don t‑sluagh aire a thoirt do ghliocas; 3 agus nochd e dhaibh mealltaireachd mnatha coimhich. 22 Glacar an t‑aingidh na euceartaibh fhèin.
1A mhic, dom ghliocas thoir an aire; rim thuigse aom do chluas;
2A‑chum gun coimhead thu ciall, agus gun glèidh do bhilean eòlas.
3[Na èisd ri mealltaireachd mnà:] oir mar a’ chìr‐mheala silidh bilean mnà coimhich#Gnà 2:16, agus is mìne na ola a beul.
4Ach tha a crìoch searbh mar a’ bhurmaid#Ecl 7:26, geur mar chlaidheamh dà fhaobhair#Salm 55:21.
5Tha a casan a’ dol sìos a‑chum a’ bhàis#Gnà 7:27: nì a ceuman greim air ifrinn.
6Air eagal gun cothromaicheadh tu slighe na beatha, luaineach tha a ceuman air chor is nach urrainn thu an aithneachadh.
7A‑nis uime sin, a chlann, èisdibh rium, agus na dealaichibh ri briathran mo bheòil.
8Atharraich do shlighe fada uaipe, agus na tig am fagas do dhoras a taighe:
9Air eagal gun toir thu do neart do mhuinntir eile, agus do bhliadhnachan don an‑iochdmhor:
10Air eagal gun lìonar coigrich led shaoibhreas, agus gum bi do shaothair ann an taigh coigrich;
11Agus gun dèan thu caoidh mu dheireadh#Eabh 13:4, nuair a chaithear d’fheòil agus do chorp,
12Agus gun abair thu, Cionnas a thug mi fuath do theagasg#Sech 7:11‐14, agus a rinn mo chridhe tàir air achmhasan#Gnà 1:25; 6:23; 12:1?
13Agus nach robh mi umhail do ghuth mo luchd‐teagaisg, agus nach d’aom mi mo chluas riùsan a theagaisg mi?
14Is beag nach robh mi anns gach olc, am meadhon a’ cho‐chruinneachaidh, agus a’ choitheanail.
15Ol uisgeachan as do shoitheach fhèin#1 Cor 7:2; agus uisgeachan‐ruith as do thobar fhèin.
16Biodh do thobraichean air an sgaoileadh a‑mach; do shruthan uisge anns na sràidean.
17Biodh iad agad fhèin a‑mhàin, agus na b’ann aig coigrich maille riut.
18Biodh do thobar beannaichte; agus dèan gàirdeachas maille ri mnaoi‐phòsda d’òige#Mal 2:14.
19Biodh i mar an eilid ghràdhach#DànShol 2:9; 7:3‐8, agus mar an earba thaitneach; sàsaicheadh a cìochan thu anns gach àm: le a gràdh bi a‑ghnàth air do lìonadh.
20Agus carson, a mhic, a mheallar thu le mnaoi choimhich, agus a dhlùthaicheas tu ri broilleach bana‑choigrich?
21Oir fa chomhair sùilean an Tighearna tha slighean an duine#2 Each 16:9; Iob 31:4; Ier 16:17; 32:19; Hos 7:2; Eabh 4:13, agus tha e a’ cothromachadh a cheuman uile.
22Glacaidh a euceartan fhèin an t‑aingidh#Gnà 1:31; Ier 2:19, agus le cùird a pheacaidh ceanglar e.
23Bàsaichidh e gun teagasg#Gnà 10:21; Iob 36:12; agus ann am meud a amaideachd thèid e air seachran.
Currently Selected:
Gnàth‐fhacal 5: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017