1
Gnàth‐fhacal 29:25
Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992
ABIG
Bheir eagal duine ribe leis; ach ge bè a dh’earbas as an Tighearna, bidh e tèarainte.
Compare
Explore Gnàth‐fhacal 29:25
2
Gnàth‐fhacal 29:18
Far nach eil taisbeanadh, thèid an sluagh a dhìth; ach an tì a choimheadas an lagh, is sona esan.
Explore Gnàth‐fhacal 29:18
3
Gnàth‐fhacal 29:11
Cuiridh amadan an cèill a inntinn uile; ach cumaidh duine glic a‑staigh i gus an dèidh sin.
Explore Gnàth‐fhacal 29:11
4
Gnàth‐fhacal 29:15
Bheir an t‑slat agus achmhasan gliocas uapa; ach cuiridh an leanabh a dh’fhàgar dha fhèin nàire air a mhàthair.
Explore Gnàth‐fhacal 29:15
5
Gnàth‐fhacal 29:17
Cronaich do mhac, agus bheir e suaimhneas dhut: seadh, bheir e sòlas dod anam.
Explore Gnàth‐fhacal 29:17
6
Gnàth‐fhacal 29:23
Islichidh uabhar duine e; ach gheibh esan a tha iriosal na spiorad urram.
Explore Gnàth‐fhacal 29:23
7
Gnàth‐fhacal 29:22
Dùisgidh duine feargach aimhreit, agus bidh fear na corraich pailt ann an easaontas.
Explore Gnàth‐fhacal 29:22
8
Gnàth‐fhacal 29:20
A bheil thu a’ faicinn duine a tha dian na bhriathran? Tha adhbhar dòchais nas mò den amadan na dheth‐san.
Explore Gnàth‐fhacal 29:20