Gnàth‐fhacal 26
26
1 Tha urram neo‐iomchaidh don amadan. 13 Mu thimcheall an leisgein; 17 agus an neach a ghabhas gnothach ri connspoid nach buin dha.
1Mar shneachd anns an t‑samhradh, agus mar uisge anns an fhogharadh, mar sin chan eil urram iomchaidh don amadan.
2Mar eun air faondradh, mar an gòbhlan‐gaoithe ag itealaich, mar sin cha tig am mallachadh gun adhbhar#Àir 23:8.
3Sgiùrs don each, srian don asal, agus slat do dhruim nan amadan.
4Na freagair amadan a rèir a amaideachd, air eagal gum bi thu fhèin cosmhail ris#Isa 36:21.
5Freagair amadan a rèir a amaideachd, air eagal gum bi e glic na shùilean fhèin#Mat 21:24.
6Gearraidh esan dheth a chasan, òlaidh e dochann, a chuireas teachdaireachd le làimh amadain.
7Chan ionnan casan a’ bhacaich; mar sin tha gnàth‐fhacal ann am beul amadan.
8Mar neach a cheanglas clach ann an crann‐tabhaill, mar sin tha esan a bheir urram do amadan.
9Mar a thèid bior suas ann an làimh misgeir, mar sin tha gnàth‐fhacal ann am beul amadan.
10Bheir an Dia mòr, a dhealbh gach nì, duais don amadan, agus bheir e duais do luchd‐easaontais.
11Mar a thilleas madadh a‑chum a sgeith fhèin#2 Pead 2:22, tillidh amadan a‑chum a amaideachd fhèin.
12A bheil thu a’ faicinn duine a tha glic na bharail fhèin#Tais 3:17? Tha adhbhar dòchais nas mò den amadan na dheth‐san.
13Their an leisgean, Tha leòmhann anns an t‑slighe, leòmhann anns na sràidean.
14Mar a thionndaidheas an doras air a lùdnain, mar sin an leisgean air a leabaidh.
15Falaichidh an leisgean a làmh na bhroilleach; is duilich leis a toirt a‑chum a bheòil.
16Is glice an leisgean na bharail fhèin na seachdnar a bheir freagradh gu ceart.
17Mar neach a bheireas air madadh air a chluasan tha esan a thèid seachad, agus a ghabhas gnothach ri connspaid nach buin dha.
18Mar fhear air bhoile, a thilgeas leusan‐teine, saighdean, agus bàs,
19Mar sin tha am fear a mheallas a choimhearsnach, agus a their, Nach ann ri fearas‐chuideachd a tha mi?
20Far am bi dìth connaidh, thèid an teine as; agus far nach bi fear‐cagarsaich, sguiridh a’ chòmhstri.
21Mar ghual do èibhlean, agus mar chonnadh do theine, mar sin tha fear nan aimhreit a dhùsgadh strì.
22Tha briathran fear na cagarsaich mar lotan#Esec 22:9, agus thèid iad sìos gu ionadan ìochdarach a’ chuim.
23Mar shoitheach creadha air a chòmhdachadh le sal airgid, tha bilean air lasadh agus cridhe olc.
24Le a bhilean ceilidh an tì a dh’fhuathaicheas; ach anns an taobh a‑staigh dheth taisgidh e cealg.
25Nuair a labhras e gu brèagha, na creid e; oir tha seachd gràinealachdan na chridhe.
26An tì a chòmhdaicheas a fhuath le ceilg, foillsichear a aingidheachd am fianais a’ cho‐chruinneachaidh.
27An tì a chladhaicheas sloc, tuitidh e fhèin ann#Salm 7:15, 16; agus an tì a charaicheas clach, tillidh i air fhèin.
28Fuathaichidh an teanga bhreugach iadsan don dèan i dochair; agus obraichidh am beul miodalach sgrios.
Currently Selected:
Gnàth‐fhacal 26: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017