YouVersion Logo
Search Icon

Gnàth‐fhacal 25

25
1 Gnàth‐fhacail mu thimcheall rìghrean. 8 Chan eil e iomchaidh dol a‑mach gu h‑obann gu strì. 18 Tha fear na fianais‐bhrèige mar chlaidheamh agus mar shaighead gheur.
1Is iad seo mar an ceudna gnàth‐fhacail Sholaimh, a dh’ath‐sgrìobh daoine Heseciah rìgh Iùdah.
2Is i glòir Dhè nì a cheiltinn#Deut 29:29; ach is e urram rìghrean nì a rannsachadh.
3Tha nèamh air àirde, agus an talamh air doimhne, agus cridhe rìghrean do‑rannsachaidh.
4Buin an salchar on airgead, agus thig soitheach a‑mach don òr‑cheard.
5Buin an droch dhuine à làthair an rìgh, agus daingnichear ann am fìreantachd a rìgh‐chathair.
6Na gabh urram dhut fhèin ann am fianais rìgh#Lùc 14:8‐10; Mat 5:25; 18:15, agus na seas ann an àite dhaoine mòra:
7Oir is fheàrr gun abrar riut, Thig a‑nìos an seo, na gun cuirear sìos thu am fianais an uachdarain a chunnaic do shùilean.
8Na gabh a‑mach gu h‑obann gu strì, air eagal nach bi fhios agad ciod a nì thu na dhèidh sin, nuair a bheir do choimhearsnach gu nàire thu.
9Tagair do chùis rid choimhearsnach; agus na foillsich rùn‐diamhair do neach eile:
10Air eagal gun cuir an tì a chluinneas gu nàire thu, agus nach atharraichear do mhasladh.
11Mar ùbhlan òir ann an dealbhan airgid, tha facal a labhrar gu h‑iomchaidh.
12Mar chluas‐fhàinne òir, agus mar usgair den òr fhìorghlan#Gnà 1:8, 9, tha fear‐cronachaidh glic aig cluais fhurachair.
13Mar fhuachd sneachda ann an àm an fhogharaidh, tha teachdaire dìleas dhaibhsan a chuireas uapa e; oir ath‐bheothaichidh e anam a mhaighistir.
14Mar neòil agus mar ghaoith#Iùd 1:12 gun uisge, tha am fear a nì uaill à tìodhlac gu breugach#Lùc 18:10.
15Le fad‐fhulangas cuirear impidh air uachdaran, agus brisidh teanga mhìn cnàimh.
16An d’fhuair thu mil? Ith nas leòr dhut dhith; air eagal gun làn‐shàsaichear thu, agus gun sgeith thu i.
17Tarraing do chas à taigh do choimhearsnaich, air eagal gum bi e sgìth dhìot, agus gum fuathaich e thu.
18Is òrd, agus claidheamh, agus saighead gheur#Salm 57:4, am fear a bheir fianais bhrèige an aghaidh a choimhearsnaich.
19Mar fhiacail bhriste, agus mar chois as an alt, tha earbsa à duine neo‐dhìleas ann an là airce#Isa 36:6.
20Mar esan a bheir air falbh aodach ann an là fuachda, mar fhìon‐geur aig creig‐shalainn, mar sin tha esan a sheinneas òrain don chridhe thùirseach#Daniel 6:18.
21Ma bhios do nàmhaid acrach#Mat 5:44; Ròm 12:20, thoir aran dha ri ithe; agus ma bhios e ìotmhor, thoir uisge dha ri òl:
22Oir càrnaidh tu èibhlean teine air a cheann, agus bheir an Tighearna luigheachd dhut#2 Sam 16:12.
23Cuiridh a’ ghaoth a tuath air falbh an t‑uisge; mar sin cuiridh a’ ghnùis fheargach air falbh teanga a’ chùl‐chàinidh.
24Is fheàrr còmhnaidh a ghabhail ann an oisinn‐mhullaich taighe na maille ri mnaoi aimhreitich ann an taigh farsaing.
25Mar uisgeachan fuara don anam thartmhor, mar sin tha deagh sgeul à tìr chèin.
26Mar thobar air a chur tro a chèile, agus mar fhuaran air a thruailleadh, tha am fìrean a thuislicheas am fianais an aingidh.
27Chan eil e math mòran meala ithe; agus cha ghlòir e do dhaoine an glòir fhèin iarraidh.
28Mar mhòr‐bhaile briste sìos gun bhalla, tha am fear aig nach eil ceannsal air a spiorad fhèin.

Currently Selected:

Gnàth‐fhacal 25: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in